An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Slòcan"

Content deleted Content added
b syn
b typo
Loidhne 1:
'S e seòrsa [[feamainn]] dhearg a th' ann an '''slòcan''' ''Porphyra umbilicalis'' (ainmean eile: slabhagan/slabhcan/slabhacan) a tha tana, mìn. Bidh e a' fàs air creagan a tha car còmhnard.<ref>'''Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay'''</ref>
 
[[Image:Slabhacanslocan.jpg|thumb|left|250px| '''Slòcan''' (''Porphyra Umbilicalis'')]]
 
Thathas ga phunndadh 's ga bhruich le ìm no geir eile gus stuth slamanach a dhèanamh. Bhite ga ghabhail le [[uinnean|uinneanan]] no [[leigis|leigisean]]. Bhiodh iasgairean [[Gallaibh|Ghallaibh]] ga ghabhail le [[aran-coirce]]. <ref>[http://rbg-web2.rbge.org.uk/celtica/seaweedsb.htm] '''Flora Celtica'''. </ref>
 
Thathas a' reic slòcain anns a chruth slamanach seo anns [[a' Chuimrigh]]. Bidh daoine ga chòmhdachadh le [[mìn-choirce]], 's ga fhrithigeadh, ach am faigh iad seòrsa bonnach còmhnard, [[aran-slòcan]]. Bithear gu tric ga ghabhail le [[hama]]. <ref>[http://homepage3.nifty.com/cardiff/cardifftopics/laverbread.html] '''Blog Iapanach'''</ref>
 
Tha slòcan càirdeach ri [[nori]] (''Porphyra Tenera''), seòrsa feamainn a thathas a' gabhail ann an [[Iapan]], [[Coirea]] agus [[An t-Sìn]].
 
[[Image:Laverbread2.jpg|thumb|left|250px|''An slòcan a thathas a' reic sa Chuimrigh.'']]
 
 
 
== Iomraidhean ==
 
<references/>