An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Am Pàipear Beag"

Content deleted Content added
gleusadh
sgiob
Loidhne 1:
Tha a' '''West Highland Free Press''', no 'Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich/Am Pàipear Beag', mar as fheàrr a dh'aithnichear e anns a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]], na [[pàipear-naidheachd|phàipear-naidheachd]] ionadail ann an [[Gàidhealtachd]] na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an [[1971]] le [[Brian MacUilleim]]. TheidThèid a fhoillseachadh gach [[Diardaoin]] anns [[an Atht-Àth Leathann|an Àth Leathann]] anns [[an Eilean Sgitheanach]].
 
'S e sluagh-ghairm a' phàipeir sluagh-ghairm Caidreamh Fearann na Gàidhealtachd on naoidheamh linn deug, 'An Tìr, an Cànan 's na Daoine'. Tha seo a' nochdadh prìomhachasan a' phàipeir, nam measg leasachadh na Gàidhlig agus ath-chruthachadh laghan fearainn.
 
Tha am pàipear taiceil do dh'iomairt nan tuathanasan-gaoithe air Ghàidhealtachd ach bha e caran leam-leat mu deidhinn an iomairt aig [[SKAT]] gus cur às do chìsean DhrochaidDrochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' taobhachadh ris a' Phàrtaidh Làbarach, rud nach eil dh'fhaoite na ìognadh leis mar as ann le ball den Phàrtaidh a chaidh a stèidheachadh, agus 's e seo a choisinn dha am far-ainm sgaiteach ''West Highland Free Pravda''.
 
Tha pàipearan-naidheachd nàiseanta corra uair a' togail air sgeulachdan a nochdas an toiseach anns a' Phàipear Bheag, leithid mar nach robh e comasach do dh'Austin Boyle ainm na h-inghe aige a chlàradh ann an [[Gàidhlig]].
 
Tha am Pàipear Beag cuideachd ag aithris ann an doimhneachd air [[camanachd]].
 
 
==Ceanglaichean a-muigh==
Line 14 ⟶ 13:
 
[[Category:Pàipearan-Naidheachd]]
 
[[en:West Highland Free Press]]
[[it:West Highland Free Press]]