An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sagsainn-Anhalt"

Content deleted Content added
b robot Modifying: sq:Saksonia Anhalt
b typo
Loidhne 36:
[[Image:Deutschland_Lage_von_Sachsen-Anhalt.svg|thumb|right|Suidheachadh Sagsainn-Anhalt]]
 
==Sagsainn-Anhalt==
 
Is e stàit [[a' Ghearmailt|Ghearmailteach]] a tha ann an [[Sagsainn-Anhalt]] (''Sachsen-Anhalt'' sa [[Gearmailtis|Ghearmailtis]], ''Saxony-Anhalt'' sa [[a' Bheurla|Bheurla]]). Tha Magdeburg, ann am meadhan na dùthcha, na [[Prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]].
 
==Suidheachadh==
 
Tha [[Lower Saxony|Sagsainn Iosail]] san àird an iar air Sagsainn-Anhalt, agus [[Brandenburg]] san àird an ear. Anns an àird a deas tha [[Thüringen]] agus [[Sagsainn]].
 
==Bailtean==
===Bailtean mòra===
 
Chan eil tòrr bhailtean mòra ann an Sagsainn-Anhalt; chan eil ach na dhà anns a bheil còrr is 200.000 luchd-àiteachaidh. Is e Halle/Saale (237.198) ann an àird an earra-dheas na dùthcha am baile as motha. Anns na meadhan-aoisean bha Halle/Saale ainmeil airson [[malairt]] le salainn. 'S e [[Oilthigh Halle-Wittenberg]] aon de na oilthighean as sine air feadh a' Ghearmailt. Tha Magdeburg (229.126) ann am meadhan Sagsainn-Anhalt na [[prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]]. Tha caisteal mòr ann, dà oilthigh, agus tha [[easbaig]] [[caitligeach]] agus [[easbaig]] [[pròstanach]] a’ fuireach an-sin.
 
===Bailtean beaga cudthromach===
[[Image:Woerlitz5.jpeg|thumb|right|200px|Wörlitz]]Ach tha tòrr bhailtean beaga ann an Sagsainn-Anhalt a tha fìor innteanach a chionn’s gu bheil iad air an dìon leis an [[Làrach Dhualchas na Cruinne|UNESCO]] mar làraichean dualchas an t-saoghail:
 
Loidhne 60:
*'''Quedlinburg''' <ref>[http://www.schaetze-der-welt.de/denkmal.php?id=99 Quedlinburg] Unesco World Heritage Site, le bhideo bheag</ref>(22.607) anns an àird an iar, le seann-bhaile agus 1200 seann taigh a chaidh a thogail ann an sia [[linn]]tean eadar-dhealaichte.
[[Image:Uenglinger Tor.jpg|thumb|right|150px|Stendal]]
==Bailtean beaga eile==
 
===Bailtean beaga eile== =
Is e '''Aschersleben''' (26.112), ris an canar geata don [[Harz]], am baile as sine ann an Sagsainn- Anhalt. Chaidh a bhonn-stèidheachadh ann an [[753]]. Faisg air na beanntan Harz tha '''Stendal''' (37.137), le togalaichean agus eaglaisean ann an stoidhle ''Backsteingotik'' (clachan a rinneadh à [[Breice|criadh-loisgte]] ) agus '''Wernigerode''' (29.627), far am bi trèana-smuid chun a' Bhrocken a’ tòiseachadh. Tha lùchairt ann cuideachd ann an stoidhle romansach coltach ri Neuschwanstein.
 
Loidhne 68:
Tha '''Merseburg''' (34.581) agus '''Wolfen''' (24.908) cudthromach airson gnìomhachais cheimigich.
 
==Cruinn-eòlas==
 
===Cruth na tìre===
Tha timcheallachd Sagsainn-Anhalt gu math ioma-chruthach.
Anns an àird a tuath agus ann am meadhan Sagsainn-Anhalt tha sgìrean-fraoich sèimh ann. Tha an arainneachd ri taobh nan [[abhainn|aibhnichean]] gu math nàdarra, gu h-araidh ann am „Biosphärenreservat Flusslandschaft Mittlere Elbe <ref>[http://www.gartenreich.net www.gartenreich.net] Duilleag oifigeil "Biosphere Reserve Middle Elbe" (sa Bheurla)</ref>“ ( sa Bheurla ''Biosphere Reserve Middle Elbe''), le flùraichean agus beothaichean sònraichte. Is e làrach dualchas an t-saoghail [[Làrach Dhualchas na Cruinne|Unesco]] (Unesco World Heritage Site) a th’ ann.
Loidhne 76:
Tha cruth na tìre ag atharrachadh anns an àirde an iar-dheas. Tha cnuic ann, agus [[beinn|beanntan]] nas airde na sin ris an canar „[[Harz]]“
 
===Aibhnichean===
*[[Elbe]]
*Saale
Loidhne 86:
*Schwarze Elster
 
===Cladh-aibhnichean===
*Mittellandkanal
*Elbe-Havel-Kanal
Faisg air Magdeburg tha an crois rathaidean-uisge <ref>[http://www.wsa-magdeburg.de/wsa_m_4.html Wasserstraßenkreuz] Crois rathaidean-uisge Magdeburg </ref>Magdeburg as motha ann anns an [[Roinn Eòrpa]]. Is e an ceangal eadar an Iar agus an Ear, eadar an [[Abhainn]] [[Rhine]] agus an [[Abhainn]] Oder. Tha am Mittellandkanal a’ dol air [[drochaid]] os cionn an Abhainn [[Elbe]]. Tha iad ceangailte ri chèile le dorsan-[[uisge]].
 
===Beanntan===
Is e am Brocken (1.141m) ann an Harz a` bheinn as àirde ann an Sagsainn-Anhalt. Chluich pìos den sgeulachd Faust le [[Goethe]] an-sin. Tha i ainmeil airson a’ ''Walpurgisnacht'', oidhche 30. mh den [[An Cèitean|Chèitean]], far am bi na bana-[[buidseachd|bhuidseachd]] a’ tachairt ri chèile. Uaireannan chithear Brockengespenst ([[taibhse]] Bhrocken) an-sin. Tha Heinrichshöhe (1044 m), Königsberg (1023 m) agus Kleiner Brocken (1119m) nas àirde na 1000 m. An uair sin Kleiner Winterberg (837m), Wolfklippen (723m) agus Scharfenstein (696m)
 
===Lochan===
*Arendsee 511,5 ha
*Süßer See 238 ha
*Barleber See 100 ha
 
==Eaconomaidh==
 
O chionn’s gu bheil an talamh math airson [[àiteachas|àiteachais]], tha 21% den mhalairt ceangailte ri gnìomhachas [[biadh]] agus [[deoch]]. Mar eisimpleir: Tha Kathi Bäckereierzeugnisse ann le stuth measgte airson [[bèicearachd]], Rotkäppchen Sektkellerei agus factaraidh isbeanan Halko, a cuir isbeannan ann an canaichean airson a’ chiad turas. Is e Halloren am factaraidh [[Teòclaid|seòclaid]] as sine anns [[a' Ghearmailt]].
Loidhne 110:
Tha roinn na [[turasachd]] gu math làidir cuideachd, gu h-àraid turasachd [[cultar|cultarach]]. Le bailtean ceangailte ri [[Màrtainn Lùtair]], le tòrr àiteachean a tha air an dìon leis an [[Làrach Dhualchas na Cruinne| UNESCO]] mar dualchas na cruinne, le taigh [[Handel]] neo ''Straße der Romantik'' (rathad na Romansachd) tha mòran ann as fhiach fhaicinn.
 
==Eachdraidh==
 
B’ e treubhan gearmanach a bha anns na Sagsannaich. Bha iad a’ fuireach eadar taobh an Ear [[an Olaind|na h-Òlaind]] agus Sagsainn-Anhalt. Bha na Sasainnich fo eagal orra, o chionn’s gun robh iad nan spùinneadair-mara. Chuir iad taobh deas Shasainn fo smachd. Thàinig cuid ainmean-àite bhon àm seo, m. e. Wessex (Westsachsen, Sagsaich an Iar) Essex (Ostsachsen, Sagsaich an Ear) agus Sussex (Südsachsen, Sagsaich a Deas). Thàinig ainm [[Sasainn]] fhèin airson England bho na Sagsannaich cuideachd.
Loidhne 122:
Air an lùireach chithear samhladh Pruisia (suas) agus samhladh saor-stàit Anhalt (sios).
 
==Daoine cudthromach==
*[[Màrtainn Lùtair]]
*[[Georg Frideric Handel]]
*[[Otto von Bismarck]]
 
==Cànanan beaga, dual-chainntean==
 
Ann an àirde tuath Sagsainn-Anhalt bruidhnear „Anhaltisch“. Is e [[Thuringia|Thuringian]] dual-chainnt<ref>[http://www.personal.uni-jena.de/~x8wisu/dialektforschung/dialektgebiete/index.html Thüringer Dialektgebiete] Thuringian dual-chaint ([[Oilthigh Friedrich-Schiller, Jena]])</ref><ref> [http://www.staff.uni-marburg.de/~naeser/dial-aud.htm Dialektproben] tha an dual-chaint ri cluinntinn an-seo</ref>(Upper Saxon German sa Bheurla) a th’ ann. Tha i coltach ri Ard-Ghearmailtis oifigeal, ach le faclan agus abairtean sònraichte a thàinig às a’ [[Mark-Brandenburg|Mhark-Brandenburg]]. M.e chanar „ick“ an àite „ich“.
Anns an Deas agus timcheall air Mhagdeburg cluinnear Altmärkisch am measg nan seann-daoine, cànan a tha ceangailte ri Ostniederdeutsche Sprache (East Low German sa Bheurla).
 
==Biadh agus deoch==
 
==Dòighean traidiseanta==
Loidhne 138:
[[Image:Baumkuchen.jpg|thumb|right|Baumkuchen (ceic-craobh]]
 
===Baumkuchen (Ceic-craobh)===
 
Tha Salzwedel cliùteach airson Baumkuchen<ref> [http://www.baumkuchen-salzwedel.de www.baumkuchen.de]Ceic-craobh (Baumkuchen)</ref> ([[ceic]]-craobh). Canar gun tàinig an doigh-bèicearachd le luchd-siubhail às [[an Ungair]] anns an [[16mh linn]]. Dh’fhàs am Baumkuchen ainmeil, nuair a bha rìgh Pruisia Frederick William IV ga ithe ann an turas tro Sagsainn- Anhalt ([[1841]]).
Loidhne 144:
Tha a’ cheic air a dhèanamh air bior-ròstaidh os cionn teinne. Cuirear linnich na taois air a-rithist agus a-rithist, gach tè a’ bèicearachd gu curamach. Mar sin mairidh a’ cheic ùr airson uine fhada. Mu dheireadh cuirear [[teòclaid|seòclaid]] timcheall oirre. An-duigh is urrainnear a’ cheic à Salzwedel a cheannachd air feadh [[an t-Saoghal]].
 
===Milbenkäse (Caise-fineag)===
 
[[Image:Milbenkäse.jpg|thumb|150px|right| Milbenkäse (Caise-fineag)]]
Loidhne 150:
[http://www.milbenkaese.de www.milbenkäse.de] Càise-fineag (Milbenkäse)</ref> (caise-fineag). Cleachdar meanbh-chruimh (Tyroglyhus casei L.) shònraichte airson abachadh an àite lobhadan. Ithear na meanbh-chruimh còmhla ris a’ [[caise]] agus tha blas a’ chàise rud beag searbh. Ach ann an [[1970]] bha e coltas gum bi an traidisean gu bhith marbh. Cha robh ach caileach a-mhàin ann aig an robh fios mun dòighean traidiseanta airson a’ chàise a dhèanamh. Gu fortuanach bha uidh aig Helmut Pöschel, neach-teagaisg à Würchwitz, airson dòigh beatha meanbh-chruimh agus thoisich e gan àlaich a-rithist. An-diugh tha taigh–tasgaidh beag ann mu eachdraidh agus dòighean tradiseanta caise-fineag.
 
==Cultar==
 
*Tha an '''Kulturhistorisches Museum'''<ref>
Loidhne 171:
*Ann an [[1999]] fhuaradh an '''Himmelsscheibe von Nebra'''<ref>[http://www.himmelsscheibe-von-nebra.com Clàr-adhair Nebra] (anns a' Bheurla)</ref>,(clàr-adhair Nebra, sa Bheurla Nebra sky disk), pìos metailt à 1600 r.C. Is e iomradh mionaideach den [[adhar]] as sine air feadh an t- saoghail. Is urrainnear [[là]]ithean mar leth a’ gheamhraidh agus [[Fèill Eòin]] a mhìneachadh. Chan eil an rannsachadh deiseil fathast, ach dh’ fheumtadh tòrr fiosrachadh a bhith ann aig an àm seo mu [[reul-eòlas]] agus gluasad nan [[rionnag]]an agus an ceangail ris a’ bhliadhna. An-dràsda tha an clàr-adhair ri fhaicinn ann an taighean-taisgaidh air feadh na [[ Roinn Eòrpa]], ach thèid taigh-taisgaidh a thogail ann an Nebra ann an 2007.
==Iomraidhean==
<references/>
 
==Ceangal a-muigh==
*Na duilleagan oifigeil: http://www.sachsen-anhalt.de (anns a’ Bheurla)
*Taighean taisgaidh: Tha seòladh den uile taighean taisgaidh ann an Sagsainn-Anhalt ri fhaighainn: http://www.mv-sachsen-anhalt.de (anns a’ Bheurla)