An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Machair"

Content deleted Content added
b robot Adding: es:Machair
No edit summary
Loidhne 1:
[[Image:Berneray_Machair_(hazelisles).jpg|thumb|Machair Bheàrnaraidh ann an [[Uibhist a Tuath]]]]
Tha am facal [[Gàidhlig]] '''machair''' a' ciallachadh fadhlainn ìseal thorrach air cost [[Èirinn]] no [[Alba]] agus gu sònraichte anns [[na h-Eileanan Siar]]. Tha dà sheòrsa machair ann:
* Cluain no innis air [[dùn-gainmhich]] a tha tric ga àiteach agus nach tèid fodha ri linn droch shìde;
* Talamh eadar [[tràigh]] agus [[mòinteach]]
 
[[Image:Berneray Machair.jpg|thumb|Machair Bheàrnaraigh]]
Tha machraichean de gach seòrsa nan seann tràighean a tha a-nis nas àirde na tràighean an latha an-diugh as dèidh do dh'ìre na mara tuiteam.
 
Tha luchd-[[eigeòlas|eigeòlais]] agus glèidhteachais air tòrr rannsachaidh a dhèanamh air machraichean air sgàth nan siostaman sònraichte eigeòlach aca. Tha dìtheanan neo-àbhaisteach, leithid a' chailleach fhuar, agus [[eòin]] leithid ràcan-an-fheòir, beignein-baintighearna, gillean-feadaig agus gobhlain-mhara rim faighinn orra.
 
Tha bleith-talmhainn na cunnart do mhachraichean. Tha seo air aobharachadh le èirigh na mara agus mar a thathar a' cleachdadh thràighean faisg air làimh mar ghoireas cur-seachad.
 
[[Category:Cruinn-eòlas na h-Alba]]
 
<!--Cànanan eile-->