An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coinneach Odhar"

Content deleted Content added
Loidhne 10:
== Coinneach Odhar ==
 
Am measg taibhsearan na [[Gaidhealtachd]] b' e Coinneach Odhar Fiosaiche a b' ainmeile. Bha urram aig Coinneach mar fhàidh na dhùthaich fhèin oir bha a chliù mar fhiosaiche air a chraobh-sgaoileadh air fad an Taoibh Tuath, agus eadhon an-diugh cluinnear gu tric iomradh air na rudan neo-àbhaisteach a labhair e.
 
Cha robh eòlas aig daoine air ach o bheul-aithris ach chaidh iomradh fhaighinn air ann an eachdraidh. Bha seo ann an seann phàipear a bha air a sgrìobhadh ann an [[Laideann]], leis an luchd-riaghlaidh, anns a' bhliadhna [[1577]], mu àm Rìgh [[Seumas VI]].
 
Tha Coinneach air ainmeachadh anns a' phàipear seo mar Keonoch Owir, fìor dhraoidh. Tha ùghdarras bhon Chrùn air a thoirt do shiorram Chrombaidh a chur an sàs airson na h-obrach chronail ris an canadh iad an Sgoil-dubh. Faodaidh e a bhith gun d' fhuair am Fiosaiche droch ainm airson rudan de nach robh e ciontach, ach a rèir lagha nan làithean ud, bha luchd-[[draoidheachd]] air an cur gu [[bàs]], ged nach eil fhios againn ciamar a chaidh do Choinneach.
 
Co-dhiù, chan eil e coltach gun deach a chliù càil na bu lugha am measg an t-sluaigh aig an àm, no an dèidh sin. Seach gun tàinig na sgeulachdan eile a tha againn mu Choinneach a-nuas tro na linntean le beul-aithris, bha cunnart ann gun deigheadh mòran a chur riutha. Feumar aideachadh cuideachd gu bheil mòran den fhàisneachd a tha air a h-ainmeachadh air Coinneach glè choltach ri fàisneachd Tomas nan Rann, fiosaiche ainmeil eile a bhuineadh don Ghalldachd, agus a bha beò ri linn Rìgh [[Alasdair III]], mu thrì cheud bliadhna ro àm Choinnich.
 
Bhiodh na [[Gaidheil]] eudmhor mu chliù am fàidhe fèin, agus is dòcha gun cuireadh iad facail le Tomas ann am beul Choinnich.
 
Ach a dh'aindeoin sin, chaidh iomradh air fàisneachd Choinnich air feadh na dùthcha, agus tha e glè shoilleir gun robh buaidh mhòr aig an Fhiosaiche air inntinnean an t-sluaigh. Bha aithne aca air cuid de nithean mun do labhair e, agus an uair a thachair rudan àraidh, bha daoine a bha toinisgeil gu leòr den bheachd gun robh seann fhàisneachd, air an robh iad eòlach fada roimhe sin, air a coileanadh.
 
Mar a thachair a thaobh a' Ghreugaich chliùitich sin, [[Homer]], chan eil fhios le cinnt càite an do rugadh Coinneach, ach b' e beachd a' mhòr-shluaigh gum b' e Baile na Cille ann an [[Uig]], Eilean [[Leòdhas|Leòdhais]] àite a bhreith. Bha iad a' creidsinn gun do rugadh e mun t-seachdamh linn deug, ach bhon phàipeir air an deachaidh bruidhinn mu-thràth tha fhios againn a-nis gun robh e beò còrr is ceud bliadhna roimhe sin.
 
Tha caochladh sgeulachdan neònach air an innse mu làithean òige Choinnich. Tha e air a ràdh gun d' fhuair e grèim uaireigin air cloich a bha anabarrach bòidheach an dath is an cumadh, is toll tro meadhan. An uair a bheireadh e sùil troimhpe chitheadh e sealladh air rudan a bha gu teachd.
Loidhne 58:
A-nis, 's dòcha gu robhas a' faicinn Choinnich mar dhuine neònach na latha, ach cha bhiodh e air a mheas am measg an t-sluaigh mar dhroch dhuine. Bhiodh iad a' coimhead air an taibhsear mar neach aig an robh spiorad a fhuair saorsainn bho gach cleachdadh amaideach, air dhòigh is gun robh comas aige air rudan fhaicinn 's a chluinntinn nach robh aig daoine eile.
 
Rinn Coinneach fiosachd mu bhlàr fuilteach a bha dol a ghabhail àite agus an dèidh a' bhlàir mar a shàsaicheadh am fitheach e fhèin le fuil laoch fad thrì làithean. A rèir beul-aithris, bha grunnan àitean anns am faodadh an cath oillteil seo a bhith air a chur, agus tha aon dhiubh faisg air baile [[Inbhir Nis]]. Aig àm a' Chogaidh Mhòir, chuala na croitearan a bha fuireach os cionn [[Loch Nis]], ann an àite iomallach, crònan eagalach anns an adhar mu mheadhan-oidhche. B' e seo soitheach-adhair Gearmailteach a chaidh air chall air na monaidhean. Am b' iongnadh ged a bhiodh fàisneachd Choinnich Odhair a' tighinn an cuimhne nan croitearan?
 
Bha aithne aig an Ollamh [[Tormod MacLeòid]], Caraid nan Gaidheal, air an fhiosachd mu theaghlach Dhùn Bheagain, is e sin gun deigheadh Tormod nan Trì Tormod a mharbhadh ann an tubaist an uair a dheigheadh sealltainn air Bratach shìdh Chloinn Leòid an uair mu dheireadh.
 
Bha an t-Ollamh còir air chuairt ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns a' bhliadhna 1799. Thachair do ghobha Gallda a bhith ag obair mun Chaisteal, agus aon là dh'innis e don Ollamh gun robh a' chiste iarainn anns an robh a' bhratach air a glasadh gu bhith air a fosgladh. Bha Tormod an làthair aig àm fosgladh na ciste, agus an taobh a-staigh dhith bha bocsa fiodha den robh fàile ro-chùbhraidh. Am broinn a' bhocsa fhiodha bha a' bhratach iomraiteach na laighe, is i air a dèanamh den t-sìoda bu bhrèagha, agus obair-ghrèis ro-ghrinn air a chur oirre, le croisean de shnàth òr. Goirid an dèidh sin thàinig fios gun deachaidh an long-chogaidh air an robh Tormod Dhùn Bheagain na oifigear fodha, agus gun robh e air a chall.
Loidhne 90:
Faodaidh an seann bhocsa a bhith meirgeach agus grannda, ach dèanaibh greim air an t-seud na thaobh a-staigh. 'S dòcha, tro thìde, nach toir sibh feart air na seann sgeulachdan mar fhìrinn, ach na caillibh an comas sin tron cluinn sibh guthan Nàdair, a' tighinn le sanasan do bhur spiorad, agus trom faic sibh glòir nan speuran le iongnadh is le urram.
 
Biodh a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] measail agaibh, agus bithibh an-còmhnaidh dìleas do chànain bhur sìnnsire, ach aig an aon àm thoiribh an làn aire don Bheurla. Tron Ghàidhlig thèid agaibh air a' Bheurla a labhairt nas ceòlmhoire agus a tuigsinn nas fheàrr.
 
[[Category:Alba]]