An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coinneach Odhar"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 4:
== FIOSACHD ==
 
Bha na seann Ghaidheil a' creidsinn gu làidir ann am fiosachd no an taibhsearachd[[taibhse]]arachd. Gu tric chanadh iad an [[An Dara Shealladh|dà-shealladh]] ris. Bha iad dhen bheachd gun robh daoine àraidh ann aig an robh comas neo-àbhaisteach a bhith a' faighinn eòlais, chan ann a-mhàin air rudan a bha falaichte bho dhaoine eile, ach cuideachd air rudan a bha gu teachd.
 
Cha robh na daoine aig an robh a' ghibht seo a' dèanamh uaill aiste, is ann a bhiodh iad toilichte a bhith às a h-eugmhais. Abair gun coinnicheadh tu fhèin ri caraid air an rathad. Chitheadh tusa e na aodach àbhaisteach ach nan tachradh an taibhsear ris an aon duine agus e dlùth ri bàs, chitheadh an taibhsear e na aodach-mairbh. Chanadh tu nach be gibht a dh'iarradh duine a bhiodh an sin!
 
 
 
== Coinneach Odhar ==