An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Ruadh Phàislig"

Content deleted Content added
b A' cur ainm Dhomhnaill ann an clo trom
No edit summary
Loidhne 1:
Bhuineadh '''Dòmhnall Ruadh Phàislig''', no Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, no Bàrd Phàislig, (1889 - 1964), do Shnaoiseabhal ann an [[Uibhist a- Deas]].
 
Thàinig air Dòmhnall an sgoil fhàgail air ceithir bliadhna deug ach tha e coltach gur e duine tùrail a bh' ann a rinn deagh fheum do na bh' aige de sgoil agus cuideachd don [[beul-aithris|bheul-aithris]] a bha pailt anns a' choimhearsnachd agus gu sònraichte air bilean a mhàthar. Tha e a' nochdadh ann an cunntasan sgrìobhte Cùirt nan Con ann an [[Loch nam Madadh]] nuair nach eil e ach mu fhichead bliadhna a dh'aois agus e a' riochdachadh [[croitearachd|chroitearan]] Uibhist a- Deas an aghaidh na Bean-uasal Gordon Cathcart 's i a' feuchainn toirt orra teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad coin a chumail. 'S ann le Dòmhnall agus na croitearan a chaidh an latha agus rinn e dàn mar chuimhneachan air a' chùis.
 
'S e pìobaire ioma-phuirt a bh' ann an Dòmhnall. Bha e na [[clachaireachd|chlachair]] agus na [[iasgach|iasgair]] ann an Uibhist agus bha e greis ag obair air loidhnichean-fòin a chur a-staigh. Na òige ghabh e don arm mar phìobaire ann an [[Rèisimeid nan Camshronach]]. Bha e air an arm fhàgail ron [[An Cogadh Mòr|a' Chogadh Mhòr]] ach chaidh e don Fhraing mar phìobaire nan Camshronach. Mu dheireadh thog e a chasan leis a thìr mòr far an do phòs e Màiri NicIllFhaolain, a bha cuideachd à Uibhist a-Deas ann an 1930. Bha ceathrar chloinne agus 's e dachaigh làn Gàidhlig a bh' aca ann am [[Pàislig]], far an do rinn Dòmhnall deagh chuid de na h-òrain aige. Bha iomadach cuspair fainear dha, eadar beatha ann an Uibhist agus ann an Glaschu agus nas fhaide air falbh.
Loidhne 10:
 
*[http://www.cne-siar.gov.uk/gaelic/grd/Baird/indexframe.htm Duilleag Dhòmhnaill Ruaidh Phàislig air GRD Chomhairle nan Eilean Siar]
 
[[Category:Bàird Gàidhlig]]