An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "George Santayana"

Content deleted Content added
+ cànain eile, + cat.
+ ceanglaichean gu aistean eile
Loidhne 1:
[[Image:George Santayana.jpg|thumb|right|Seòras Santayana]]
'''Seòras Santayana''' – Feallsanach agus Bàrd ([[1863]]-[[1952]])
[[Image:George Santayana.jpg]]
 
Rugadh Santayana ann am [[Madrid]], ach fhuair e a àrach òg ann an [[Ávila]], baile na mna crabhaich iomraiteiche Teresa de Jesús. Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm '''Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás''', ach tha e nas aithnichte an diugh mar [[feallsanachd|fheallsanach]], [[bàrd|bhàrd]] agus sgrìobhadair fon ainm Beurla George Santayana. Bha a mhàthair pòsta aig George Sturgis, marsanta bho [[Boston|Bhoston]], agus fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs a fir ann an 1857. Ann an 1861 thill i agus a cloinn do Mhadrid, far a phòs i sean charaid dan ainm Agustín Santayana. Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila, ach ann an 1869 chaidh màthair Sheòrais agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston. Lean Agustín agus Seòras i ann an 1872, ach a chionn ‘s nach do chord Boston ris, thill a na aonar a dh’ Ávila, far a dh’ fhuirich e fad a bheatha an dèidh sin. Chaidh Seòras a dh’ oilthigh[[Oilthigh Harvard]], agus ann an 1886 chuir e seachad àireamh bhliadhna ann am [[Berlin]], far a sgrìobh e tràchtas. Ged a chùm Santayana a nàiseantach [[an Spàinn|Spàinnteach]] fad a bheatha , sgrìobh e a leabhraichean anns a’ [[Beurla|Bheurla]], oir is ann ‘s [[na Stàitean Aonaichte]] a dh’ thuinich agus a dh’ oibrich e gus a’ bhliadhna 1912, nuair a leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns [[an Roinn-Eòrpa]] (Ávila, [[Paris]] agus [[Àth nan Damh|Àth an Dàimh]] (Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don [[an Ròimh|Ròimh]], far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.
 
A-measg a [[bàrdachd|bhàrdachd]], tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Chaidh eadar-theangachadh [[Gàidhlig]] de Odes foillseachadh ann an GAIRM, Àireamh 109 (An Geamhradh 1979-80).
Rugadh Santayana ann am Madrid, ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mna crabhaich iomraiteiche Teresa de Jesús. Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair fon ainm Beurla George Santayana. Bha a mhàthair pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs a fir ann an 1857. Ann an 1861 thill i agus a cloinn do Mhadrid, far a phòs i sean charaid dan ainm Agustín Santayana. Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila, ach ann an 1869 chaidh màthair Sheòrais agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston. Lean Agustín agus Seòras i ann an 1872, ach a chionn ‘s nach do chord Boston ris, thill a na aonar a dh’ Ávila, far a dh’ fhuirich e fad a bheatha an dèidh sin. Chaidh Seòras a dh’ oilthigh Harvard, agus ann an 1886 chuir e seachad àireamh bhliadhna ann am Berlin, far a sgrìobh e tràchtas. Ged a chùm Santayana a nàiseantach Spàinnteach fad a bheatha , sgrìobh e a leabhraichean anns a’ Bheurla, oir is ann ‘s na Stàitean Aonaichte a dh’ thuinich agus a dh’ oibrich e gus a’ bhliadhna 1912, nuair a leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Àth an Dàimh (Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.
A-measg a bhàrdachd, tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Chaidh eadar-theangachadh Gàidhlig de Odes foillseachadh ann an GAIRM, Àireamh 109 (An Geamhradh 1979-80).
Seo cuid de na rainn às an eadar-theangachadh Gàidhlig:
 
Loidhne 77:
:Sòlas nan daoine.
 
==Iomradh==
 
*Gheibhear an duan iomlan ann an GAIRM Àireamh 109.
 
[[Category:Bàrdachd]]