An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "George Santayana"

Content deleted Content added
New page: Seòras Santayana – Feallsanach agus Bàrd (1863-1952) Image:Eisimpleir.jpg Rugadh Santayana ann am Madrid, ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mna crabhaich iomraite...
No edit summary
Loidhne 1:
Seòras Santayana – Feallsanach agus Bàrd (1863-1952)
 
[[Image:EisimpleirGeorge Santayana.jpg]]
 
Rugadh Santayana ann am Madrid, ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mna crabhaich iomraiteiche Teresa de Jesús. Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair fon ainm Beurla George Santayana. Bha a mhàthair pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs a fir ann an 1857. Ann an 1861 thill i agus a cloinn do Mhadrid, far a phòs i sean charaid dan ainm Agustín Santayana. Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila, ach ann an 1869 chaidh màthair Sheòrais agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston. Lean Agustín agus Seòras i ann an 1872, ach a chionn ‘s nach do chord Boston ris, thill a na aonar a dh’ Ávila, far a dh’ fhuirich e fad a bheatha an dèidh sin. Chaidh Seòras a dh’ oilthigh Harvard, agus ann an 1886 chuir e seachad àireamh bhliadhna ann am Berlin, far a sgrìobh e tràchtas. Ged a chùm Santayana a nàiseantach Spàinnteach fad a bheatha , sgrìobh e a leabhraichean anns a’ Bheurla, oir is ann ‘s na Stàitean Aonaichte a dh’ thuinich agus a dh’ oibrich e gus a’ bhliadhna 1912, nuair a leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Àth an Dàimh (Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.