An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Rèabhlaid Ameireaganach"

Content deleted Content added
b robot Adding: ko:미국 독립
No edit summary
Loidhne 85:
 
A dh' aindeoin 's gu robh Philadelpia fo smachd nam Breatannach 's an ruaig air a cuir dhan Chomhdail Mòrtireach, b' e an call aig Saratoga na chomharradh do na Fraingich gun bu bhuanachd daibhsan dhol a-steach an aghaidh Breatainn 's caidreachais leis na h-Aimeireaganaich. Bho sin a-mach, sgap an cogadh air feadh an t-saoghail cho fad air falbh bho Aimeireagaidh sa b' urrainn a bhith. Bha batailean fiù 's anns na h-Innseachan.
 
Bha an cogadh sa cheann a tuath an ìre mhath seachd ged a chum na h-Ameireaganaich a' fulaing bho ghinn bìdh 's uidheamachd, bho sin a-mach cha robh mòran gluasadh sa cheann a tuath ach dhaingnich na Breatannaich iad fhèin ann an New York 's iad air an cuairteachadh leis na h-Ameireaganaich.
 
==Iomairt 1778: Ceann a Deas 's Buaidh==
 
Bha na Breatannaich dhen bheachd nach robh an aramach cho neartmhor sa cheann a deas
's gu robh mòran aig an robh fhathast dìleas dhan Rìgh. Mar sin, thug na Breatannaich ionnsaigh air Georgia à Florida 's chuir iad ruaig air na reubaltaich sa gheamhradh 1778-79.