'S e sìdhiche/sìthiche, sìdh no duine-sìdhe, creutair bho sgeulan agus eòlas-ur-sgeulachd. 'S urrainn do sìthiche dealbh sam bith fhaighinn le comas sònraichte ainmichte "draoidheachd" agus 's urrainn dhaibh dealbh a' chuirp atharrachadh no àrdachadh a fhalach gnèthean sìtheile às na sùilean nan duine bàsmhor. Tha 'n facal seo bunaichte às an ainm an t-àite far a bheil iad air smaoineachadh a fhuireach: Sídhe, agus tha na Sìdhichean air uairibh air chantainn ris na daoine-sìdh. Tha 'n ur-sgeulachd gu soilleir piceanta thairis mòran nan dualchas is beul-aithris eugsamhail. Tha mòran ainmean 's dealbhan aca.

Gabhaibh an Aghaidh Mhaiseach Bhean... le Sophie Anderson

Eòlas-ur-sgeulachd Ceilteach

deasaich

Tha mòran iomraidhean aig na muinntir Cheilteach air sìthichean 'nan ur-sgeulachdan is seann-sgeulan, agus tha mòran dhealbhan eugsamhail air chur air an nàdar. Tha iad àitheanta cuideachd ris 'na muinntir bheaga', ach 's urrainn do seo thoirt dealbh air luprachánan, bòcanan, menehune, agus creutairan ur-sgeulach eile, ged chan eil uile sìthichean "beag". 'San Eireann, bha na sìthichean air chantainn ris na Sídhe, agus 'san Alba, na Daoine-Sìdh, Sìthichean, no mòran ainmean eugsamhail.

Cha robh an àirde nan sìthiche daonnan cho seasmhach ri 's e air chumail an-diugh. Gu dualchasach, bha 'n àirde dhaonna aig sìthichean gu tric.

Bha aon creideamh seasmhach mun Breatannaich gun robh na daoine-sìdh fann an aghaidh iarann fuar, leantainn ri mòran nan saobh-chràbhaidhean co cheangailte ri iarann a bheil air mhaireann, roinn dhiubh a bheil a' maireann an-diugh (mar eisimpleir, a' cur cruadha air ur doras).

Thug an creideamh sin còmhnadh do roinn nan eachdraichean is luchd-aithris an t-eòlais-ur-sgeulachd a bheachdachadh gu bheil na sìthichean gu fìor bunaichte à beul-aithris nam muinntir a chòmhnaich an t-eilean na Breatainn Mhòir mus ràinig na Ceiltich. Bhiodh na muinntir seo armaichte a-mhàin le umha, 'gus às a seo bhiodh iarann an leas cinneach nam Ceilteach air bhith.

Sa' chreideamh co-aimsireil, tha sìthichean gu tric comharraichte ri bunasach caoimhneasach 'nam beus; chan eil seo, ge-tà, a' cumail fìor leis na mòran fhoillseachaidhean eachdraidheil. Mar eisimpleir, bha 'n creideamh ann am clann Tàcharan, far bhiodh na sìthichean a' goid air falbh duine-cloinne bàsmhor agus chuireadh le aon de am pàisde fhèin, bitheanta anns na linnean meadhan-aoiseach; tha 'n t-ùrlar seo 'nochdadh sa' mhith-òrain Tòmas an Duanaire agus Tam Lin, am measg òrain eile.

Faic cuideachd

deasaich
 
August Malmström Sìthiche

Ceanglaichean a-mach

deasaich