Séamus Barra Ó Súilleabháin
'S e bàrd Èireannach a th' ann an Séamus Barra Ó Súilleabháin.
Séamus Barra Ó Súilleabháin | |
---|---|
Beatha | |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Foghlam | |
Cànain |
Gaeilge Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd agus rapper (en) |
Ballrachd | Craos (en) |
IMDb | nm12152159 |
Beatha
deasaich'S ann à Lios Tuathail, Èirinn a tha e.[1]
Tha Ó Súilleabháin na oileanach aig Coláiste Mhuire gan Smál a' rannsachadh a' bhàird eile Maidhc File agus na sgeulachdan a chruinnich e do Choimisiún Bhéaloideas Éireann.[2] Tha ùidh aig Ó Súilleabháin gu sònraichte sna sgeulachdan a chruinnich Maidhc File o athair. Ann am prògram sònraichte de 'An Saol Ó Dheas' air RTÉ Raidió na Gaeltachta, bhruidhinn Ó Súilleabháin ri Helen Ní Shé mu Maidhc File agus a shaothar.[2]
Tha e ag gabhail pàirt anns a' bhuidheann Misneach a bhios ag iomairt as leth Gaeilge.[1]
Bàrdachd
deasaichAnn am beachd Robert McMillen, tha e am measg nam bàrd òga as cliùitiche an Èirinn.[1]
Ann an 2011/12, bhuannaich e an duais 'All Ireland Poetry Slam Champion' le bàrdachd ann an Gaeilge is e a' riochdachadh Connacht. Thuirt britheamh aig an àm gun robh comas aige "bàrdachd Gaeilge a dhèanamh cho ceòlmhòr ri ceòl".[3] Thuirt Ó Súillebháin fhèin nach b'e buinnig ann dha a bh' ann ach buinnig do Ghaeilge.[4]
Saothar
deasaich- 2011 - anns a' chruinneachadh: The Willow's Whisper: A Transatlantic Compilation of Poetry from Ireland and Native America Hardcover deas. le Jill M. O'Mahony & Micheal O hAodha (Cambridge Scholars Publishing)
- 2015 - anns a' chruinneachadh: Poetry Ireland Review 115 (Poetry Ireland/Impress Books)
- 2016 - Beatha Dhónaill Dhuibh (Cló Iar-Chonnacht)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Mc Millen, Robert: “Véarsaí ón mbreacGhalltacht le Séamus Barra Ó Súilleabháin” (Gaeilge). Ann an: Tuairisc.ie, 11mh dhen Dàmhair 2016. Air a thasglannadh [o https://tuairisc.ie/agallamh-vearsai-on-mbreacghalltacht-le-seamus-barra-o-suilleabhain/] 9mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ 2.0 2.1 “Filíocht sa bhFiántas: Séamus Barra Ó Súilleabháin” (Gaeilge). RTÉ Raidió na Gaeltachta. Air a thasglannadh [o https://www.rte.ie/gaeilge/2018/0702/975759-filiocht-sa-bhfiantas-seamus-barra-o-suilleabhain/] 2na dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 2na dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “A win for the Irish language” (Beurla). Ann an: Derry Journal, 13mh dhen Dùbhlachd 2011. Air a thasglannadh [o https://www.derryjournal.com/whats-on/arts/a-win-for-the-irish-language-1-3332952] 13mh dhen Dùbhlachd 2011. Air a thogail 2na dhen Dùbhlachd 2018. “his natural ability to make poetry in the Irish language as melodious as music”
- ↑ “A win for the Irish language” (Beurla). Ann an: Derry Journal, 13mh dhen Dùbhlachd 2011. Air a thogail 2na dhen Dùbhlachd 2018. “This isn’t so much a win for me as much as a win for the Irish language.”