Roinn (matamataig)
'S e roinn (no roinneadh), obrachadh na h-àireamhachd a tha mùiteach ri iomadachadh. Gus seo a chur an cèill gu sònraichte, mas e a a ni c uairean de b:
's e c a th' ann ma tha a air a roinn le b, mur eil neoni a th' ann am b:
Anns a' cho-aontar seo, 's e an duais-roinn a th' anns an a, an roinniche a th' anns a' b agus an roinn-àireamh a th' anns an c.
Chan eil mìneachadh air a thoirt do roinn le neoni.
Comharrachadh
deasaichThèid roinneadh a sgrìobhadh gu cumanta leis an duais-roinn os cionn an roinniche agus loidhne còmhnard eatarra. Mar eisimpleir sgrìobhte a air a roinn le b mar:
Airson na roinnidh a sgrìobhadh san aon loidhne, mar eisimpleir anns a' chlò, tha an duais-roinn air a dealachadh bhon roinniche le sgoradh ( / ) mar seo:
Tha an dòigh seo cumanta ann an iomadh cànan prògramaidh.
Tha comharra sònraichte aig roinnidh ( ÷ ) ged nach eil e air a chleachdadh gu cumanta ach san àireamhachd shìmplidh:
Roinneadh àireamhan slàn
deasaichMar a tha iomadachadh na ath-chur-ris na h-iomarann, 's e ath-thoirt air falbh an roinniche bhon duais-roinn a th' ann an roinnidh. Mas e àireamhan slàn a th' anns an duais-roinn agus an roinniche, bithidh an dà shuidheachadh ann:
- faodar an roinniche a thoirt air falbh gus nach eil dad den duais-roinn air fàgail,
- m.e.
- faodar an roinniche a thoirt air falbh bhon duais-roinn gus na tha air fhàgail nas lugha na an roinniche.
- m.e.
Anns a' chiad chùis os cionn, canaidh sinn gu bheil an duais-roinn so-roinnte (slàn) le 3. Anns an dara chùis, tha 2 air fhàgail an dèidh do 11 air a roinn le 3. Canaidh sinn an còrr ris na tha air fhàgail den duais-roinn an dèidh a roinnidh leis an roinniche, agus faodar an roinn-àireamh agus an còrr a thoirt mar buil na roinnidh:
- , agus an còrr.
Tha e nas cumanta, ge-tà, buil na roinnidh a thoirt mar àireamh mheasgaichte no àireamh dheicheach:
Roinneadh àireamhan coimeasta
deasaichFaodar buil roinneadh dà àireimh coimeasta a shàr-mhìneachadh mar a leanas:
far a bheil p, q, r agus s nan slàn-àireamhan agus chan fhaod ach p a bhith co-ionnan ri neoni. Tha an sàr-mhìneachadh seo a' dèanamh cinnteach gur e obrachadh mùiteach iomadachaidh a th' ann an roinnidh.
Tha obrachadh na roinnidh dùinte ann an seata nan àireamhan coimeasta. 'S e sin ri ràdh gur h-e àireamh choimeasta a th' anns gach roinn-àireimh bho roinneadh àireamhan coimeasta. Tha obrachadh na roinnidh fosgailte ann an seata nan slàn-àireamhan oir tha roinn-àireamhan ann nach eil nan slàn-àireamhan mar os cionn.
Roinneadh fìor-àireamhan
deasaichFaodar roinneadh fìor-àireamhan a shàr-mhìneachadh mar obrachadh mùiteach ri iomadachadh:
Roinneadh àireamhan co-fhillte
deasaichGus dà àireimh cho-fhillte a roinn, dèan fìor-àireamh den roinniche le bhith ag iomadachadh leis an àireimh cho-chuingichte:
'S e fìor-àireamhan a th' ann an a, b, c agus d ach chan fhaod an dà rud c agus d a bhith co-ionnan ri neoni.
Ma tha na h-àireamhan co-fhillte an riochd pòlarach:
...agus a-rithist chan fhaod b a bhith co-ionnan ri neoni.