Roinn-tìde
Tha an Saoghal air a roinneadh ann an 24 roinnean-tìde, dìreach coltach ri na 24 uairean a th' ann gach là is an saoghal a’ dol mu timcheall na grèine. O chionn fhada bhiodh na daoine a bhith a’ cleachdadh na grèine os an cionn is iad a’ tomhas na h-uarach a-rèir far an robh a’ ghrian anns an iarmailt. Bhiodh an uair a bhith beagan eadar-dhealaichte bho baile gu baile,[1] air sàilleabh far an robh gach baile. Chaidh na roinnean-tìde a rèiteachadh, aig ìre Na Stàitean Aonaichte, aig co-labhairt ann an Chicago ann an 1883.[2]
Tha am mapa a leanas a’ sealltainn roinnean-tìde na cruinne.