'S e iomall baile Ghlaschu a tha ann am Baile Rob Ruaidh (Robroyston). Tha e suidhichte air àird an ear-thuath a’ bhaile.

Clach-chuimhneachain Uilleam Uallas ann an Robroyston

Canar gur e Baile Rob Ruaidh ainm a' bhaile a-rèir Rob Ruadh MacGriogair.

'S e sin an t-àite far an deach Uilleam Uallas a ghlacadh 5 an Lùnasdal 1305. An diugh tha clach-chuimhneachain ri faicinn an seo le soidhne sgrìobhte ann an Laideann:

Dico tibi verum, libertas optimum rerum,
nunquam servili sub nexu, vivito fili
(I tell you the truth, the best of all things is freedom,
never son, live under the bonds of slavery
)

'S e sin am facal-suaicheantais a dh’ionnsaich Uallas bhon athair aige nuair a bha e òg.