Ribe ochd-chasaich
Is e ribe ochd-chasaich, seòrsa poit-chrèadha a th' air a cleachdadh le iasgairean Iapanach is timcheall a' Mhuir Mheadhan-tìrich airson ochd-chasaich a ghlacadh. Tha feadhainn phlastaig a' fàs nas bitheanta.
Bidh na poitean-crèadha seo air am fàgail air grunnd na mara 's gun acainn eile ann ach ròpa airson an tarraing a-nìos. Thig na h-ochd-chasaich, no gibearnaich eile dhen t-seòrsa, a-steach don phoit-chrèadha, 's iad a' cur feum air mar dhìdean. Nuair a tharraingear na poitean a-nìos, mar as trice, cha dèan na h-ochd-chasaich oidhirp air teicheadh ach, air a' chaochladh, crubaidh iad air ais ri ballachan an ribe. Mar sin, chan ionann ribeachan ochd-chasaich agus ribeachan eile, leithid clèibh-giomaich a bhios a' bacadh a' chobhartaich o bhith faighinn às.