Thathar a' chleachdadh rian Rangachadh Élő gus sgil dàimheach de chluicheadairean a thomhas ann an geamannan dithis leithid tàileisg no Scrabble. Chaidh ainmeachadh air fear Árpád Élő, fear saidheans Aimeireaganach a rugadh san Ungair ann an 1903 agus a dh'imrich dha na Stàitean Aonaichte leis a phàrantan ann an 1913.

Tàileasg

Dh'innlich e an rian seo gus feabhas a chur air rangachadh nan cluicheadairean ann an tàileasg ach thathar 'ga chleachdadh airson iomadh geama an-diugh, fiù geamannan eadar sgiobaidhean mar baseball.