Ragadair
Is e ragadair acainn a th' air a dhealbhadh gus fulangaiche no euslainteach a ghiùlan (iomchar) o àite gu àite eile. Tha ragadair traidiseanta air a dhèanamh mu shia troighean air fad agus dà throigh air leud, air an sparradh ri lunnan air gach taobh. Nuair a tha an ragadair fosgailte, cumar an dà lunn air leth le dà chrann-tarsaing meatailte.