RKD - Institiud na Tìrean Ìsle airson Eachdraidh Ealain
'S e taigh-tasgaidh agus leabharlann a tha ann an RKD - Institiud na Tìrean Ìsle airson Eachdraidh Ealain (Duitsis: RKD - Nederlands Instituut voor Kunstgeschiedenis).
Chaidh a stèidheachadh ann an Den Haag ann an 1932 mar an Rijksbureau voor Kunsthistorische Documentatie ('Oifis Nàiseanta airson Docamaideadh Eachdraidh Ealain') le dìleibean o Cornelis Hofstede de Groot, Frits Lugt agus an dèidh dha fhosgladh E.A. van Beresteyn. Dh'imrich an cruinneachadh o thogalach air oiseann Korte Vijverberg is Toernooiveld don Leabharlann Rìoghail ann an 1982 is chaidh e na Institiud na Tìrean Ìsle airson Eachdraidh Ealain ann an 2014.[1]
Tha Wikidata a' cleachdadh nan aithnichearan anns an siostam RKD airson smachd ùghdarras luchd-ealain.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “History”. RKD - Institiud na Tìrean Ìsle airson Eachdraidh Ealain. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Open Search Artists”. RKD - Institiud na Tìrean Ìsle airson Eachdraidh Ealain. Air a thogail 2na dhen Ghearran 2019.