Port Teadhaich
'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann am Port Teadhaich (Beurla: Port of Menteith).[1] Tha am baile suidhichte air àird an earra-dheas Loch Innis MoCholmaig far a bheil an A81 a' tachairt ris an B8034. 'S e Port Teadhaich an t-aona tuineachadh aig an loch. Air àird a thuath tha Beinn Dearg (426 meatair) ann. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 11′ 2.4″ Tuath agus 4° 17′ 6″ Iar.
Tha am baile cho mòr ri 7226 heactair agus anns a' bhliadhna 2001 bha 768 duine a' fuireach an seo. [2]
Tha aiseagean a' ruith eadar Port Teadhaich is Inchmahome, eilean làn eachdraidh anns an loch.
Chaidh am baile a stèidheachadh mar "Burgh of barony". Anns a' bhliadhna 1457 chuir Rìgh Seumas III Alba an t-ainm "port" ris.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 582 014