Plouzané
Tha Plouzané [pluzane] na commune anns an département Finistère, anns a' Bhreatainn Bhig anns an Fhraing.
Suidheachadh
deasaichTha Plouzané suidhichte air a' chrìoch taobh an iar Brest.Tha i a' gabhail a-steach a' bhruach a tuath goulet de Brest.
Bunadas an ainm
deasaich'S e Plouzane an t-ainm a th' air an commune anns a' Bhreatannais. Tha Plou a' ciallachadh sgìre, agus thàinig Zane bho Naomh Sané. Thathar ag ràdh gun do stad Naomh Sané ann an àite far a bheil Eaglais Naoimh Sané an-diugh ann an Plouzané-bourg agus gun tàinig ainm an commune bho sin.
Rugadh Naomh Sané ann an 448 faisg air Kilrush ann an Èirinn. [1]
Bailtean-cèile
deasaich- Kilrush (Èirinn)
- Stelle (a' Ghearmailt)
- Pencoed (a' Chuimrigh)
- Ceccano (an Eadailt)
Foghlam
deasaichTha mu 1, 500 sgoilearan ann am Plouzané eadar sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean. Tha mu mhìle a' dol dha na ceithir sgoiltean àbhaisteach dhen commune (École du Bourg, École de Coat-Edern, École de Kroas-Saliou agus École Anita-Conti, roimhe sin École la Trinité). Tha an fheadhainn eile a' dol dhan dà sgoil phrìobhaideach (Sainte-Anne, au Bourg agus Saint-Thérèse à la Trinité).
Aig toiseach 2013, bha 76 sgoilearan a bha a' dèanamh chuspairean dà-chànanach. [2]
Tha trì àrd-sgoiltean (S1-S4) anns a' commune: Victoire-Daubié (Kroas-Saliou), Kerallan agus àrd-sgoil phrìobhaideach Saint-Micheal au Bourg.
Chan eil àrd-sgoil (S5- S6) ann am Plouzané idir, ach mar as àbhaist, bidh na sgoilearan a' dol a Lycée Amiral-Ronarc'h ann am Brest.
Gidheadh, tha foghlam eile ann air sgàth 's gu bheil ionad rannsachaidh, Technopôle Brest-Iroise anns an sgìre agus tha e a' gabhail a-steach institiuidean foghlaim àrd-ìre: Télécom Bretagne, l'ENIB (Sgoil Nàiseanta Innleadair Brest), l'ESIAB (Sgoil Innleadair as àirde ann an Agri-food Breatainn Bige) agus l'IEUM (Institiud Oilthigh Eòrpach na Mara).