Planaid
(Air ath-sheòladh o Planaidean)
'S planaid (bho' n Greugais Àrsaidh ἀστὴρ πλανήτης (astēr planētēs), a' ciallachadh "reul shiùbhlach") ball reul-eòlasach ann an reul-chuairt mun cuairt air rionnag.
Feumaidh am ball a bhith tomadach gu leòr agus gun dèan iom-tharraing e (cha mhòr) cruinn, ach gun a bhith cho mòr' s gun toisich fiùisean teas-niùclasach na bhroinn. A bharrachd air sin, feumaidh planaid a farsaingeachd a ghlanadh.
Chaidh am mìneachadh planaid ùr seo a ghabhail ann an 2006, agus air sgàth na cumha mu dheireadh, chaill Pliùto inbhe planaid.
Planaidean anns an Rian-grèine
deasaichArtagailean eile
deasaich- fadag
- Gealach
- reul agus rionnag
- HD 80606 b