Pi (àireamh)
'S e àireamh agus cunbhalachan matamataigeach a tha ann an pi no π.
- Airson na litreach Ghreugach, faic Pi.
Dhearbhaich Archimedes à Syracuse gun robh luach π eadar 223/71 agus 22/7 is e a' cleachdadh geoimeatraidh airson seo.
Ri Linn an Ath-bheòthachaidh lorg matamataigearan sreathan neo-chrìochnach airson π, mar eisimpleir an t-Sasannach John Wallis agus an t-Albannach James Gregory. B' e an Cuimreach William Jones a' chiad duine a chleachd an t-samhla π, is rinn Leonhard Euler fèillmhor e. Chleachd Georges Buffon seòrsa tràth de dhòigh Mhonte Carlo airson π obrachadh a-mach le deuchainn nan snàthadan.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ O'Connor, J. J. ⁊ Robertson, E. F.: “A history of Pi”. MacTutor. Oilthigh Chill Rìmhinn.