Pāli
(Air ath-sheòladh o Pali)
'S e cànan den gheug Innd-Iorànach den teaghlach Innd-Eòrpach a tha ann am Pāli. Bho chian bhathar ga bruidhinn anns na h-Innseachan. Ged nach eil luchd-labhairt màthaireil aice an-diugh, thathar ga cleachdadh ann an sgrìobhaidhean agus ann an ùrnaighean-choitcheann ann an Cambuidea, Bangladais, Dùthaich nan Tàidh, Làthos, Mianmar, Neapàl, Sri Lanca agus anns na h-Innseachan.
Pāli पाळि | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Brāhmī Aibidil Ròmanach | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | pi | |
ISO 639-2 | pli | |
ISO 639-3 | pli |
Tha na sgriobtairean as tràithe mu dheidhinn a' Bhudda sgrìobhte ann am Pāli, mar a chaidh a chruinneachadh ann an Tipitaka no ann am Pāḷi Canon. Tha an Theravada Buddhism ga cleachdadh anns na h-ùrnaighean aca.