'S e cànan Innd-Eòrpach a bh' ann am Pahlavi. Canar Pehlevia no Phearsach Mheadhanach rithe cuideachd. B' e Pārsīk "(cànan nam Pārs)" an t-ainm tùsanach a bha oirre.

Pahlavi
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

ISO 639-2 pal
ISO 639-3 pal – Pahlavi mheadanach no
xmn – Manichaean Middle Persian
Seann sgrìobhaidhean ann am Pahlavi

Chan eil i beò san latha an-diugh, ach bha i air bhruidhinn anns an impireachd Phearsaich, gu h-àraidh aig àm impireachd Sassanid (224-654 CE). Air sgàth 's gun robh inbhe àrd aig a' chànan chaidh a cleachdadh anns na roinnean eile cuideachd. Thàinig Pahlavi bhon seann Phearsach agus san 9mh linn dh'atharraich i gu Pearsach a thathar a' bruidhinn an-diugh.