Pago Pago
'S e prìomh-bhaile Shamoa Aimearaganaich a tha ann am Pago Pago ([ˈpɑŋo ˈpɑŋo] anns a' chànan aca fhèin). Tha am baile na laighe faisg air port-mara Pago Pago anns an eilean Tutuila. 'S e seo an co-chomharran aige: 14°16' 46" Deas 's 170° 42' 02" Iar. Chan e ach baile beag a th’ ann, bha 10,640 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 1990. Tha a’ gabhail a-steach Fagatogo, far a bheil riaghaltas na dùthcha stèidhichte. Tha gnìomhachas eisg, gu h-àraid tùna, agus an roinn turasachd cudthromach anns a’ bhaile. Tha an uirsgeul: 'Miss Thompson' aka 'Rain', sgrìobhte le W. Somerset Maugham, a’ cluich ann am Pago Pago.