Tha Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu ag àrdachadh camanachd, an spòrs traidiseanta, Gàidhealach a-measg nan oileanach aig Oilthigh Ghlaschu.

Suaicheantas an Oilthigh

Raon-cluiche

deasaich

Pàirc na Solais, Ionad Spòrs Gart Sguaib, Rathad Chnoc Màiri, Glaschu

Far-ainm

deasaich

"The Gold an Blacks, "Na h-Òr is Dùbh", "L'Oroneri"

Dathan-cluiche

deasaich

Tha lèintean òir, briogais-ghoirid dhubh, stocainnean òir is dubh nan dathan-cluiche Oilthigh Ghlaschu.

Eachdraidh

deasaich

Tha Oilthigh Ghlaschu air piseach mòr a thoirt don gheama thar na bliadhnaichean.  Tha cluicheadairean ùra air a bhith gan trèanadh agus tha cluicheadairean stèidhichte air am leasachadh nan sgilean.  Nuair a dh'fhàgas iad an Oilthigh, bidh iad a’ cuideachadh gus an geama a neartachadh air an taobh rianachd. Aig an toiseach, tha dithis ann aig a bheil fìor eòlas air a h-uile rud a bhuineas do spòrs nan Gaidheal, Iain U. Caimbeul, Ceann Suidhe Chomunn na Camanachd bho 1982 gu 1985 agus Ùisdean D. Macilleannain, fear-naidheachd is craoladair. Fhuair an dithis aca ‘Guirm’ bhon Oilthigh nuair a bha iad a’ cluich.

Chaidh Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1901. ‘S e Aonghas MacBhiocair, Murchadh MacCoinnich agus Murchadh MacRàth a bh’ ann na trì stèidheadairean, agus ‘s e Aonghas a’ bh’ anns a’ chiad sgiobair.

Anns na 50an, bha da sgioba aig an Oilthigh ach o chionn fhada tha e air fhàs nas dorra oileanaich a lorg le eòlas air iomain agus tha an sgioba a-nis a’ cumail aon sgioba fireannach agus cuideachd, bidh iad a’ feuchainn ri sgioba a chumail do bhoireannaich.

Anmoch sna 50an agus tràth sna 60an, bha linn air leth shoirbheachail aig an Sgioba, a’ gleidheadh Lìog a Deas ann an 1959-60 agus Cuach Littlejohn ann an 59-60, 60-61 agus 61-62.  Thànaig cuid dhe na cluicheadairean seo  còmhla a-rithist nuair a chaidh Glaschu Ceilbhinn a stèidheachadh.  Chaidh a’ chuairt dheireannach de Chuach Chataibh a ruigsinn airson a’ chiad turas ann an 1981 agus chaidh Còrn Sgeaboist a bhuannachadh iomadach tursan.

Mar sgioba oilthigh, tha an Sgioba air a ruith leis na cluicheadairean fhèin le taic-airgid bho Comunn Spòrs Oilthigh Ghlaschu, na bhios a’ liubhairt giùlain gu geamannan air falbh bho àm gu àm.  Gun teagamh, tha feum air eudmhorachd air a’ phàirc is far na pàirce, is uaireannan thèid seo a mothachadh le bhith a’ toirt seachad na duaise cliùitiche, ‘Gorm’ Oilthigh, ach nas trice thèid a mhothachadh le pinnt!

A-measg na caractaran as cudromaiche anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha Jack Asher ann.  Fhuair Jack ‘Gorm’ agus bha cliù mhòr aig mar rèitear.  Bha e na phàirt den sgioba soirbheachail sna  50an agus tha e a-nis na cheann-suidhe onarach.  Bha a mhac, Gordon, na chluicheadair chòmhnard don sgioba anns na 90an.

Feumar mòran moladh airson an sgioba a chumail beò sna 80s a dhol gu Doire Barton, a sheall mòran iomairt is eudmhorachd gu riaghailteach.  Thug Friseal Gordain Iomain Oilthigh an àrd aig an àm seo cuideachd agus chaidh a chuid shaothair mhiorbhaileach aithneachadh le ‘Gorm’.

Bha na h-oidhirpean aig Daibhidh Bell is Daniel Donn, bho Gleann Urchardan is Ceann a’ Ghiuthsaich fa leth, glè chudthromach ann a bhith a’ toirt comas dhan sgioba a dhol suas gu Lìog a Dha agus gus Cuach Littlejohn a ghleidheadh trì tursan.  Fhuair an dithis aca ‘Guirm’.

Anns a’ Mhìle Bhliadhna ùr

deasaich

Tha an sgioba air buaidh fhaighinn ann Lìog a Deas 2 agus Cuach Littlejohn, a’ faighinn a-steach dhan chuairt dheireannach ceithir tursan ann an sreath bho 2001-2004, ga bhuannachadh da thuras.  Feumar luaidh shònraichte a thoirt air oidhirpean nan Sgitheanach, Aonghas Liddon agus Keith MacCoinnich agus cuideachd air fear à Obar Dheathain, Daibhidh C Moore, a thoisich iomain aig an Oilthigh agus as deidh da bhliadhna a bha na sgiobair nuair a bhuannaich an sgioba Lìog a Deas 2 gun gheama a chaill ann an 2002-03. Choisinn iad an tiotal mar Club a’ Mhios aon turas.  Bidh Oilthigh Ghlaschu a-nis a’ gabhail pàirt ann an Lìog nan Oileanach agus Cuach Littlejohn.

Ann an 2004-05, chrìoch iad an seisean anns an treas àite ann an Lìog nan Oileanach agus chaidh an cur a-mach bhon Littlejohn san Iar-chuairt Deireannach le RGU as dèidh ‘pheanasan’.  Bha Craig Ros na sgiobair ann an 2004-05, ach a-nis 's e Gilleasbuig MacDhòmhnaill a th' ann, ogha a' bhàird ainmeil Somhairle MacGill-Eain.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich