Odharan Mòr
Is e odharan mòr a theirear ri Heracleum mantegazzianum a tha na lus san teaghlach Apiaceae. Bidh e a' fàs mar as trice cho àrd ri 2 - 5.5 meatair (6 troigh 7 òirleach - 18 troigh 1 òirleach). Air a choltas, tha suaip aig an odharan mhòr ris an odharan (Heracleum sphondylium), ri Heracleum sosnowskyi no ri Angelica archangelica. Buinidh an t-odharan mòr don cheàrn Chabhcasach agus do mheadhan na h-Àisia, ach chaidh a thoirt a-steach do Bhreatann mar lus òrnaideach san 19mh linn.
Odharan Mòr
Ainm goirid | H. mantegazzianum |
---|---|
Ainm an tacsoin | Heracleum mantegazzianum |
Rang an tacsoin | spèiseas |
Pàrant an tacsoin | Heracleum |
Ainm cumanta | Giant Hogweed |
Inbhe gléidhteachais an IUCN | Dragh as Lugha |
Duais a fhuair e | Lus puinnseanta na bliadhna |
Gallda sgaoilteach sa sgìre | Aonadh Eòrpach, A' Ghearmailt |
URL GRIN | https://npgsweb.ars-grin.gov/gringlobal/taxonomydetail.aspx?id=18896 |
Tha snodhach an odharain mhòir a' losgadh craiceann dhaoine agus ag adhbharachadh builgeanan, eàrran buan, agus doille - ma thig e an lùib nan sùilean.
Dealbhan
deasaichTùsan
deasaichAinmean Gàidhlig Lusan, Joan W. Clark and Ian MacDonald, 1999