'S e Northern Ireland Railways am Prìomh Companaidh Rathad Iarainn ann an Èirinn a Tuath. Tha NIR an treas rathad iarainn as motha anns na h-Eileanan Breatuinneach. Tha e an seilbh Translink.

Trèana den NIR


Branndair NIR deasaich

Tha siostam NIR a' coinneachadh le agus air altachadh ri siostam Iarnród Éireann aig Poyntzpass air a' chrioch eadar Contae Ard Mhacha agus Contae Lú. Tha am prìomh loidhne na ruith eadar Poyntzpass agus Steisean Beul Feirste Meadhanach agus tha meur-loidhnean na ruith bho Bheul-Feirste ri Beannchar, Latharna agus Doire.

Coltach ri Iarnród Éireann tha geidse de 1600mm aig NIR, agus tha riaghailtean obrachaidh cumanta ris an da chompanaidh.

Trachdadh NIR deasaich

Is e rathad-iarainn nan siubhalaich a mhain a tha ann an NIR, nach eil a' giulain bathair idir.

Coltach ri na rathaidean-iarainn Breatainneach, thogadh na rathaidean iarainn fa-leth anns an Ulaidh airson trachdadh measgaichte, ach chrion an trachdadh seo gu mor bho na 1950'n. B'e an trachdadh bathair mu dheireadh air NIR na treana "loidhne" eadar Garadh Adelaide aig Beul Feirste agus Garadh Cé a Thuath an Baile Atha Cliatha, a dh'iompaich uaganan nan ciste mhor, Sgurr na treanaichean sin a' ruith aig deireadh na 1990'n.

Tha trachdadh eadar-naiseanta aig NIR air an seirbhis "Enterprise" a thathas nan ruith eadar Beul Feirste agus Baile Atha Cliatha. Tha da threana air an seirbhis seo, treana steidhichte air Beul Feirste, le sgioba NIR agus treana steidhichte aig Steisean Ui Chonnghaile an Baile Atha Cliatha, le sgioba Iarnród Éireann

Ceanglaichean a-mach deasaich