'S e nori (海苔・のり)Porphyra Tenera) facal Iapanais a th' air gnè de dh'fheamainn a gheibhear air feadh Àisia an Ear. 'S iomadh seòrsa a tha ann, agus thèid an t-uabhas dhiubh a ghabhail is a chleachdadh ann an caochladh dòighean, ach gu h-àraid ann am biadh. Tha e càirdeach ri slòcan Porphyra umbilicalis.

Nori

'S iad Iapan, Coirea agus Sìona na dùthchannan as motha a tha a' dèanamh feum dheth. Gheibhear e ann an caochladh diofar biadhan, agus ann an caochladh diofar cumadh is cruth.

Air an aon dòigh is a thathas a' dèanamh clàran pàipear traidiseanta ann an Iapan, thathas a' cruthachadh clàran nori cuideachd. Thèid a chleachdadh anns a' chruth thioram seo gus onigiri (bonnachan rìs) no sushi a phasgadh, air neo dìreach mar sin fhèin le rìs is picil.

Ann an Coirea, gheibhear lorg air a leithid annasan mar teòclaid le nori sa chruth thioram seo nam broinn.