Nithean draoidheachd ann an Harry Potter

Seo liosta de nithean draoidheachd air an cleachdadh san t-sreath sgeòil Harry Potter.

Conaltradh deasaich

Buinn gheasachd deasaich

Ann an Harry Potter and the Order of the Phoenix, tha Hermione Granger a' cruthachadh Ghailleoin fhuadain, sheunta mar dhòigh-chonaltraidh eadar buill Arm Dumbledore. Coltach ri Gailleoin fhìor, gheibhear àireamhan mu oirean nam bonn a tha a' comharrachadh àm is ceann-là san tig iad cruinn còmhla a-rithist; agus atharraichidh iad a rèir ge be dè na h-àireamhan a shuidhicheas Harry Potter air a bhonn fhèin.

Sgalartaiche deasaich

Is e sgalartaiche litir crò-dhearg air a cur gus corraich mhòr a nochdadh, air neo, teachdaireachd a chur an cèill gu h-àrd, follaiseach.

Nithean-cleithe deasaich

Di-shoillsichear (Mùchadair) deasaich

Is e Di-shoillsichear inneal a dh'inntrig Albus Dumbledore air choltas lasadair thoitean. Mùchaidh e an solas à tùs solais sam bith airson a bhith a' falach an neach-chleachdaidh.

Cleòca Do-fhaicsinneachd deasaich

Is e cleòca a th' ann an cleòca do-fhaicsinneachd a nì an neach-caitheimh do-fhaicsinn. Is ann glè ghann is daor a tha iad an saoghal Harry Potter, ach gabhaidh an snìomh à bèin nan Demiguise, beathaichean draoidheil a tha a' còmhnaidh san fhìor Àird an Ear.

Cuspairean na Samhna  deasaich

 
Tha comharra Chuspairean na Samhna na shamhla de na trì nithean draoidheachd uile: an t-Slat, a' Chlach agus an Fhallaing.

Is e Cuspairean na Samhna na trì prìomh nithean draoidheachd ann an Harry Potter agus the Deathly Hallows - slat air nach toirear bàrr, clach gus na mairbh a thoirt beò, agus fallaing do-fhaicsinneachd. Ma tha iad air an sealbhachadh le aon neach a-mhàin, theirear gum faigh e buaidh air a' bhàs.

Slat Dhromanach deasaich

 
An t-slat dhromanach

Bho linn crochadh nan con, theirear Maide nam Marbh no Slat na Cinneamhain ris an t-Slat Dhromanach, agus is e slat fìor bhuadhach a th' innte, dèante le fiodh-dromain agus le eitean de ghaoisid earball Thestral.

Clach na h-Aiseirigh deasaich

Tha Clach na h-Aiseirigh a' toirt cead don t-sealbhaiche luchd-gaoil nach maireann a thoirt beò a-rithist ann an cruth leth-chorporra, agus conaltradh riutha.

Fallaing Do-fhaicsinneachd deasaich

A rèir nan seann-sgeulan, tha cumhachd aig an Fhallaing Do-fhaicsinneachd an neach-caitheimh a dhìon o shùilean an Èig. B' e seo an cuspair Samhna a bhuineadh don bhràthair a b' òige aig nach robh earbsa anns an Eug agus a thug leis an Fhallaing gus falach bhuaithe. Cha do thill gus an robh e aosta is ullamh airson a' bhàis.  

Lorgairean deasaich

Glainne nan Nàmh deasaich

Is e Glainne nan Nàmh sgàthan a lorgas agus a sheallas don t-sealbhaiche na nàmhaidean aige gu soilleir no mì-shoilleir a rèir dè cho dlùth dha 's a tha iad.

Cairt nan Creachadairean deasaich

Is e Cairt nan Creachadairean mapa draoidheachd de Hogwarts air a dhèanamh le Remus Rupin, Peter Pettigrew, Sirius Black agus James Potter (air an robh na far-ainmean "Moony", "Padfoot", agus "Prongs") nuair a bha iad nan sgoilearan aig Hogwarts.

Sgrùdaire Probity deasaich

Tha Sgrùdaire Probity a' lorg geasan cleithe is nithean draoidheachd falaichte.

Cuimhnairball deasaich

Is e Cuimhnairball cruinne bheag, shoilleir mu mheud marbhail mhòir anns a bheil ceò a thèid dearg nuair a mhothaicheas i gun do dhìochuimhnich an neach-glèidhidh rudeigin. Gu mì-fhortanach, cha sheall i don neach-glèidhidh dè an rud a th'air a dhìochuimhneachadh, mar sin, is ann gun fheum a tha i gu ìre. Chan fhaod sgoilearan an cleachdadh sna deuchainnean oir bhiodh fios aca nan robh iad air freagairt cheàrr a sgrìobhadh.

Rùsgadair deasaich

Is e Rùsgadair suathan dearg a tha a' toirt air ionc do-fhaicsinn a nochdadh.

Mothaichear Sgeul-rùin deasaich

Bidh am mothaichear seo a' dol na chrith nuair a dh'fhairicheas e rudeigin air a chleith no breugan.

Sgòp-snàgaidh deasaich

Is e lorgaire na Sgoile-duibhe a th' ann an Sgòp-snàgaidh.

Gleoc-teaghlaich Weasley deasaich

Tha Clann Weasley a' gleidheadh gleoc sònraichte nan dachaigh le naoi spògan, aon do gach ball dhen teaghlach. Canaidh iad an Garadh ris an dachaigh aca. Seach a bhith ag innse na h-uarach, tha an gleoc a' leigeil ris àite no staid gach ball teaghlaich.

Geamaichean deasaich

Snap Spreadhach deasaich

Is e iomairt chairtean do bhuidsichean a th' ann an Snap Spreadhach, far am bi na cairtean a' spreadhadh gu h-obann.

Bàlaichean  Quidditch deasaich

Cairtean Cluiche Fèin-mheasgachaidh deasaich

Ann an Chamber of Secrets, bheirear iomradh air paca Chairtean Fèin-mheasgachaidh mar aon de na nithean a' gànrachadh làr an t-seòmair aig Ron sa Gharadh (dachaigh Chann Weasley).

Tàileasg nam Buidsichean deasaich

Thathar a' cluich Tàileasg nam Buidsichean le pìosan agus clàr co-ionann ri Tàileasg fhèin. Gheibhear na h-aon riaghailtean ann cuideachd. Bidh na pìosan a' tighinn beò fo gheasachd, agus a' dol am bad a chèile, a' leagail a' phìos eile agus ga shlaodadh far a' chlàir-tàileisg.

Coire deasaich

Bithear a' measgachadh 's a' masgadh deochan draoidheachd ann an soithichean draoidheachd ris an canar coirean. Gabhaidh an ceannach aig Bùth nan Coirean ann am Frith-shràid Diagon.

Tùsan deasaich