Thachair Murt na h-Apann air 14 an Cèitean 1752 anns an Apainn. Chaidh Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair (ris an canar "an Sionnach Ruadh"), a bha na sheumarlan do dh'oighreachdan arfuntaichte Chlann Stiùbhard aig an àm sin, a mharbhadh le snìpear. Chan eil fhios chun an latha an-diugh cò a loisg e, ach chaidh Seumas Stiùbhart (ris an canar "Seumas a' Ghlinne") a chrochadh mar phàirtiche, ged a bha e a' tagairt chun an deireadh gun robh e neo-chiontach. Chleachd Robert Louis Stevenson an tachartas anns an nobhail ainmeil Kidnapped aige.

Càrn-cuimhne Muirt na h-Apann faisg air Baile a' Chaolais.

Sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir marbhrann airson Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair, "Cumha Chailein Ghlinn Iubhair".

Dh'fhosgail slighe baidhseagail a tha cumail a' mhuirt air chuimhne ann an 2013.[1]

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Wolff, Andreas: “Slighe baidhseagail ùr Muirt na h-Apann”, BBC. 20mh dhen Ògmhios 2013. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2018.