Cailleach an Deucoin
dibhearsanaiche Leòdhasach
(Air ath-sheòladh o Murchadh MacMhathain)
Rugadh Murchadh MacMhathain air an 4mh là den Fhaoilleach 1904, aig 25 Grabhar ann an ceann a deas nan Loch air Eilean Leòdhais. 'S e dibhearsanaiche Gàidhlig ainmeil a bh’ ann, a bhiodh a’ nochdadh sna tallaichean baile ann an riochd boireannaich, Cailleach an Deucoin.
Cailleach an Deucoin | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Grabhair, 4 dhen Fhaoilleach 1904 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Grabhair, 1983 |
Dreuchd |
Dh'imrich e do Chanada ann an 1925 is dh'obair e an siud agus ann an Detroit. Thill e do dh'Alba ann an 1937 is dh'obair e anns na gàrraidhean-shoithichean ann an Glaschu rè an Dàrna Cogaidh mus do thill e a Ghrabhair far an do dh'obair e air a' chroit, mar bhreabadair agus mar dhibhearsanaiche.
Bhàsaich Murchadh gu h-obann aig a dhachaigh ann an 1983.[1]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Cailleach an Deucoin ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh, consairt uaireigin 's na 70an (Youtube, fuaim a-mhàin)
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Caileach an Deucoin, a Comedian from Gravir”. Ceanglaichean Innse Gall. Air a thogail 4mh dhen Fhaoilleach 2019.