Mompós
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Bolívar
Àirde 33m
Co-chomharran 09° 14' 31' Tuath
74° 25' 36' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 645 km²
Àireamh-shluaigh 41,565 (2005)
Dlùths 64.44/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach ann an Bolívar, Coloimbia,[1] a th’ann am Mompós neo Santa Cruz de Mompós. Tha e suidhichte aig 33m os cionn ìre na mara agus 291km air falbh bho Chartagena de Indias, prìomh-bhaile na roinne, agus 320km bho Bharranquilla. 'S e baile le gnàth-shìde uabhasach teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 31˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1540.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 41,565 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 18,974 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Mompós, ach tha 7.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 81.6% dhe na daoine ann an Mompós leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 22.9% dhe na dachannan.[4]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Mompós. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann am Mompós

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia
  6. Bileag Fhiosrachaidh OifigeilTeamplaid:Fix/category[dead link]