Mircean
Mircean | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Protista |
Fìleam | Heterokontophyta |
Clas | Phaeophyceae |
Òrdugh | Laminariales |
Teaghlach | Alariaceae |
Gèineas | Alaria |
Spèiseas | A. esculenta |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Alaria esculenta (Linnaeus) Greville |
'S e feamainn fhada a th' ann am mircean (alaria esculenta), a tha coltach ri crios.Gheibhear aig tràigh mhòr e, a chionn 's gum bi e a' fàs fada shìos ann am bonn a' chladaich. Canar gruaigean rithe cuideachd, ach 's e mircean a th' air ann an Leòdhas.[1]
Feumalachd
deasaichBithear ga ithe amh ann an grunn àiteannan fhathast- mar Alba is Èirinn. 'S e an rud cruaidh suas a mheadhain air fhad a thathas ag ithe amh (cas dhubh), agus a-rèir coltais, tha e car duilich a chagnadh. Thathas a' toirt dheth na h-oirean tana (an rùsg), gan rùsgadh dheth air gach taobh. [2]
'S e seo an seòrsa feamainn Eòrpach as dlùithe ri wakame, a gheibhear ann an Iapan, Coirea agus Sìona. 'S e wakame an t-ainm Iapanais air. Canaidh "rùsg" ris na h-oirean tana, "cas dhubh" ris a' ghais, agus "duilleach" ri na buinneagan. 'S e mekabu an t-ainm a th' air buinneagan Wakame ann an Iapanais.
Iomraidhean
deasaichCeangal a-mach
deasaich- F. G. Hardy & M. D. Guiry (2003). A Check-list and Atlas of the Seaweeds of Britain and Ireland ISBN 0-9527115-1-6.