Meas
Bidh meas a' fàs air luibhean agus craobhan. Cleachdar mar biadh, agus airson gineadh.
Toradh
deasaichTha seanfhaclan ann a dh'innseas mar a bheir a' ghaoth buaidh air measan. Mar eisimpleir:
"Mas gaoth an ear a dh'fhàg a' Challaig, meas air crannadh."
Nuair a bhios meas seargta, canar "meas air crannadh" ris.
Ma gheibhear gaoth bhon ear as t-earrach, bidh na craobhan a' cur a-mach an duillich. Ach, seargaidh a' ghaoth an ear an duilleach òg, maoth nas luaithe agus nas motha na gaoth sam bith eile. Nuair a thèid a' chiad duilleach air ais le seargadh na gaoith an ear, ged a dh'fhaodas cuid mhath de mheas cinntinn air na craobhan 's air na preasan, cha bhi am meas mar is trice ach meanbh.
Cha chuir a' ghaoth a tuath ge-tà na measan air an ais mar a nì a' ghaoth an ear, ged a bhiodh i a' sèideadh gu math tric fad a' gheamhraidh 's an earraich.
Bidh a' chraobh-mheas nas toraiche na b' àbhaist dhi nuair a bhios an geamhradh fuar, reòidhte, do bhrìgh nach leig am fuachd 's an reothadh leatha a duilleach a chur a-mach ro thràth air a' bhliadhna.