Marinka
Мар'їнка

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Donetska Oblast
Sgìre Marinskiy Raion
Co-chomharran 47° 56 31' Tuath
37° 30 13' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 51.92 km²
Àireamh-shluaigh 9,376 (2021)
Dlùths 180.59/km²
Àireamh fòn + 380 6278

'S e baile beag faisg air Donetsk agus Horlivka anns An Ucràin a th' ann am Marinka (Ucràinis: Мар'їнка). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Osykova, san roinn Donetska Oblast. 9.376 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1844. Dh' fhosgaladh taigh-gniomhachais tractair an seo ann an 1932. Aig àm an Dàrna Cogaidh, chaidh coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile a mhurt leis na h-einsatzkommando Nàsach.[1] Bha Marinka fo sgàile is fo bhuaidh arm na Gearamailt bho 1941 gu ruige 1943. Ann an 1991, thàinig Marinka gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Thug feachdan na Ruise ionnsaigh air a' bhaile air 17 am Màrt 2022, ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin, ach chuir Arm na h-Ùcràine ruaig orra air 19 an Giblean 2022.[2]

Eòlas-sluaigh deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Marinka a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd.[3] Cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Marinka a thuiteam an dèidh 2001.

Leasachadh Àireamh-shluaigh a' Bhaile
1859 1959 1970 1979 1989 2001 2014 2019
1.316 7.883 9.347 10.135 10.944 10.722 9.775 9.376

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Yayad
  2. Live UA Map
  3. Ukcensus
  4. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
  5. вестi

Ceanglaichean a-mach deasaich