Maoin Taic Eadar-Nàiseanta na h-Eaglaise Caitligich ann an Albainn

’S ann tron ghiorrachan Bheurla SCIAF (Scottish Catholic International Aid Fund) is fheàrr a tha aithne air Maoin Taic Eadar-Nàiseanta na h-Eaglaise Caitligich ann an Albainn. ’S e a th’ ann ach buidheann oifigeil na Eaglaise Chaitligich ann an Albainn airson taic agus leasachadh eadar-nàiseanta. Tha SCIAF, ann am barrachd is 20 dùthaich air feadh Àisia, Afraga, agus Aimearaga Laidinneach, a' cur taice ri cuid de na daoine is bochda anns an t-Saoghal, coma có an creideamh a th' aca, gus an slighe a obrachadh a-mach à sloc na bochdainn.

ObairDeasaich

Tha SCIAF an-diugh a’ cur taic ri barrachd is 80 tionnsgnadh a tha a’ cuideachadh ri daoine a tha a’ fulaing bho acras, bho HIV/AIDS, bho chiorram; agus bho dhìth sheirbheisean slàinte. Tha SCIAF cuideachd a’ cur taic-éiginn gu h-àiteachan far a bheil tubaistean móra, leithid an tsunami ann an ear-dheas Àisia, agus an sìor-chòmhrag ann an Darfur.

Ann an Albainn fhéin, tha SCIAF a’ còmhrag ri bun-adhbharan bochdainn agus mì-chothromach an t-Saoghail, leithid malairt mì-chothromach agus fiachan leatromacha, le bhith ag impich air riaghaltasan, gnìomhachasan agus buidhnean eadar-nàiseanta atharrachaidhean buan a dhèanamh. Tha SCIAF ag obair gu dlùth ri sgoiltean agus òigridh air feadh Albann, ag ionnsachadh na fheadhainn a bhios a’ dèanamh nan co-dhùnaidhean san àm ri teachd, agus a’ tabhairt cothroman dhaibh bhith a’ cur an aghaidh leatrom anns an t-Saoghal.

EachdraidhDeasaich

Chaidh SCIAF a chur air bhonn sa bhliadhna 1965 le Easbaigean Caitligeach na h-Albann gus taic dhèanadach a thoirt do na daoine as bochda san t-Saoghal agus gus tuigse a thogail air adhbharan am bochdainn. Air do SCIAF a dhà-fhicheadamh ceann-bhliadhna a ruighinn, mhol Gòrdan Mac a' Bhriuthainn, a bha ’na Ionmhasair na Breatainne aig an àm ann an Westminster, e leis na faclan seo: “From small beginnings in 1965 in a small school classroom in Rutherglen… with funds of just £8,000…SCIAF has grown into Scotland's leading international aid charity.” Anns a’ chiad 40 bliadhna sin, thog SCIAF barrachd is £65 millean.

Caritas InternationalisDeasaich

Tha SCIAF ’na bhall de Caritas Internationalis. ’S e seo an lìon eadar-nàiseanta de 163 buidhnean taice Caitligeach, té de na buidhnean taice eadar-nàiseanta as motha san t-Saoghal. Tha CAFOD (Sasainn agus a’ Chuimrigh) agus Tròcaire (Éireann) cuideachd ’nam ball deth.

Ceanglaichean a-machDeasaich