Bha Màiri Stiùbhart na bhoireannach àilleasach, tarraingeach do dh'fhir agus, gu ìre, gu math geur-chùiseach. Ach fhuair i an driod-fhortan a bhith a' riaghladh ann an dùthaich far am faigheadh am fear a bu thapaidh tàire riaghlaidh, agus lean aimhreit is còmhstri i fad a làithean.

Cha robh i ach sia làithean a dh'aois nuair a chaochail a h-athair, Seumas V, le cridhe briste bhathas ag ràdh às dèidh iomruagadh nan Albannach aig Blàr Solway Moss. Cha robh i ach còig bliadhna a dh'aois nuair a chaill na h-Albannaich Blàr aibhiseach Pinkie an aghaidh Arm Shasainn, agus bha aice ri teicheadh dhan Fhraing far an deach a pòsadh ris an Dauphin, Francois; ach chaochail esan òg, na rìgh airson beagan còrr is bliadhna.

Ann an 1561 thill Màiri a dh'Alba, dùthaich a bha mun àm sin ga reubadh eadar Caitligich (an creud san do thogadh Màiri fhèin) agus Pròstanaich, le Iain Knox aig an ceann. 'S e suidheachadh a bha seo a bhiodh glè dhuilich do riaghladair sam bith. Ach bha cùisean na bu mhiosa builich do Mhàiri, a chionn 's gun robh Ealasaid I Shasainn a' sìor-chur bacadh oirre agus i gu math amharasach mun tagairt a bh' aig Màiri do chrùn Shasainn. Chuir i seachad oidhche mu dheireadh ann an Alba san Abaid ann an Dùn Droighnein.[1]

Màiri I, Bànrigh na h-Alba
monarc na h-Alba

14 dhen Dùbhlachd 1542 - 24 dhen Iuchar 1567
Seumas V Alba - Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
Consort of France (en) Translate

10 dhen Iuchar 1559 - 5 dhen Dùbhlachd 1560
Beatha
Breith Lùchairt Ghleann Iucha, 8 dhen Dùbhlachd 1542
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Alba
Caisteal Fotheringhay
Caisteal Chartley
Paris
Ciad chànan A' Bheurla Ghallta
Bàs Caisteal Fotheringhay agus Northamptonshire (en) Translate, 8 dhen Ghearran 1587
Àite-adhlacaidh Abaid Westminster
Peterborough Cathedral (en) Translate
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (dì-cheannachadh)
Teaghlach
Athair Seumas V Alba
Màthair Màiri Lorraine
Cèile Francis II na Frainge  (24 dhen Ghiblean 1558 -  1560)
Eanraig Stiùbhairt, Morair Darnley  (29 dhen Iuchar 1565 (Gregorian) -  1567)
James Hepburn, 4mh Iarla Bhoth Chluaidh  (1567 -  1578)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Foghlam
Cànain Beurla
A' Bheurla Ghallta
Fraingis
Laideann
Luchd-teagaisg Seòras Bochanan
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, flaitheach, uas-fhlath, bànrigh na còir fhèin agus bànrigh chèile
Obraichean comharraichte Oxburgh Hangings (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd

Iomraidhean

deasaich
  1. New Advent

Ceanglaichean a-mach

deasaich