Loireag
'S i bean-shìdh a bh' anns an Loireag a bha tric ri faicinn ann an taighean luaidh. A rèir beul-aithris, bha ùidh aig an Loireag ann an calanas.
Dh'fheumadh na mnathan a bhith nan ceart fhaicill gun rachadh an luadh air aghaidh gu rèidh òrdail a rèir nòs òran dà uair anns an aon oidhche. Mar pheanas, bheireadh Loireag air an aodaich fàs tana. Bheireadh i uairean droch sgiùrsadh do na mnathan le slait mura sheinneadh iad gu ceart.
Bha an Loireag glè bheag na bodhaig, agus bha fìor dhèidh aice air deochan bainne.