Lochan a' Chlaidheimh
Co-chomharran: 56°42′25″N 4°36′00″W / 56.706862°N 4.600086°W
Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Loch a' Chlaidheimh
'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan a' Chlaidheimh.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha e suidhichte san àird a tuath air Loch Laidon agus tha am Blackwater Reservoir san iar-thuath dheth. Tha an rathad-iarainn bho Stèisean Raineach gu Drochaid Aonachain a' dol seachad air bruach an locha.
Thèid an loch a lìonadh le Allt Molach bhon iar-thuath. Sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an iar tron abhainn Black Water don Blackwater Reservoir.
'S e sin an t-àite far an robh trì crìochan de na Siorrachdan traidiseanta a' tighinn còmhla: Siorrachd Pheairt, Earra-Ghàidheal is Siorrachd Inbhir Nis.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 66, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.