Lochan Beinn Chaorach

Loch ann an Alba

Co-chomharran: 56°37′17″N 4°45′04″W / 56.621252°N 4.750976°W / 56.621252; -4.750976

'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan Beinn Chaorach [1]neo Lochan Beinn Caorach.[2] Tha e suidhichte aig cois Beinn Chaorach (475 m) ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha an A82 a' dol seachad eadar Lochan Beinn Chaorach is Beinn Chaorach. Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach no faisg air Lochan Beinn Chaorach. Mar sin chan eil rathaidean ann chun an locha. Tha Loch Bà san ear-dheas dheth.

Lochan Beinn Chaorach
Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan Beinn Chaorach
Suidheachadh Lochan Beinn Chaorach air a' Ghàidhealtachd

Thèid an loch a lìonadh le iomadh alltan gun ainmean agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo gu deas do Loch Bà. Tha coltas ann gu bheil e eu-domhain.[2]

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa an locha
  2. 2.0 2.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 63, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach deasaich