Loch a' Chadha-chàrnaich
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch a' Chadha-chàrnaich.[1] Tha e suidhichte ann an Ratharsair ann an ceann a deas an eilein. Tha Hallaig san àirde a deas dheth. Tha e na laighe san ear-dheas air Dùn Caan aig cois Cadha Carnach. Tha Loch na Meilich san àirde an iar-thuath agus Loch na Mnà san iar-dheas dheth. Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach an locha. Mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun an locha.
Co-chomharran: 57°22′47″N 6°01′11″W / 57.379600°N 6.019600°W
Tha Loch a' Chadha-chàrnaich cho mòr ri 7.7 acair. 'S e 1 km (0.6 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 434 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Tha trì eileanan anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 128 m (420 troigh) os cionn na mara. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch seo tro Allt Loch a' Chadha-chàrnaich gu tuath chun na mara a tha mu 0.5 km (0.3 mìle) air falbh.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG584392