Co-chomharran: 57°31′23″N 5°09′54″W / 57.523056°N 5.165°W / 57.523056; -5.165

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Sgamhain (Beurla: Loch Scaven). Tha e suidhichte mu 6 mìle san ear-thuath air Loch Dùghaill agus faisg air ceann Gleann Carrann.

Sealladh air na h-eileanan ann an Loch Sgamhain
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Sgamhain
Suidheachadh Loch Sgamhain air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu mhìle a dh'fhad agus tha e mu 1/3 mìle a leud. Tha e cho mòr ri 141 acair. 'S e 27 troigh an domhainneachd mheadhanach aige le 72 troigh aig an àite as doimhne. Tha bàrr uisge an locha mu 491.6 troigh os cionn na mara. [1] Tha an Abhainn Carrann a' sruthadh tron loch. Tha Beinn na Feusaige (2000 troigh, 625 meatair) air bruach a tuath an locha is Moruisg (3026 troigh, 928 meatair) san àird a deas dheth. Tha dà eilean beag ann an Loch Sgamhain.

Iomraidhean

deasaich
  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Carron Basin", td 60, Iom-leabhar II, Pàirt II. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).