Co-chomharran: 57°36′23″N 6°10′42″W / 57.606400°N 6.178200°W / 57.606400; -6.178200

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Mealt.[1] Tha e suidhichte ann an Tròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha e na laighe air an làimh chlì den rathad A855. Tha Creag an Fhèilidh na laighe air taobh eile an rathaid. Tha taigh-tasgaidh Stafainn dìreach sa tuath dheth.

Sealladh air Loch Mealt
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Mealt
Suidheachadh Loch Mealt anns an Eilean Sgitheanach

Tha an loch seo cho mòr ri 33.8 ha (83.5 acair). 'S e 3.4 km (2.1 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 998 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 57 m (187 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 0.5 km (0.3 mìle) air falbh bhon mhuir.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG505650