Loch Glen Ionadal
Co-chomharran: 57°22′30″N 6°40′16″W / 57.375.200°N 6.671°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Glen Ionadal.[1] Tha e suidhichte ann an Diùirnis anns an Eilean Sgitheanach. Tha e na laighe eadar Creag na h-Aire is Beinn an Loch agus tha an Dubh Loch sa tuath dheth.
Tha Loch Glen Ionadal cho mòr ri 10.1 ha (25 acair). 'S e 1.3 km (0.8 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 453 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 147 m (482 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.5 km (0.9 mìle) air falbh bhon mhuir.
Tha loch beag eile na laighe deas air Loch Glen Ionadal, agus tha iad ceangailte le alltan. Tha an loch beag cho mòr ri 0.7 ha (1.7 acair). 'S e 0.4 km (0.3 mile) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 152 m a dh'fhad san àite as dìriche. Tha bàrr uisge an locha mu 148 m (486 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.4 km (0.9 mile) air falbh bhon mhuir.[2] Tha eilean mòr anns an loch seo.
Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch Glen Ionadal agus mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun an locha seo.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG192412