Co-chomharran: 56°48′12″N 4°14′54″W / 56.803411°N 4.24847°W / 56.803411; -4.24847

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Garadh (Beurla: Loch Garry).[1] Tha e suidhichte ann an Siorrachd Pheairt mu 2 mhìle san àird an ear Loch Eireachd.

Sealladh air Loch Garadh
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Garadh
Suidheachadh Loch Garadh air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 2.5 mìle (4 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas motha na 0.25 mìle aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e beagan nas lugha na 440 slat (400 m) a leud. Tha Loch Garadh cho mòr ri 390 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 22.5 mhìle ceàrnagach (58.27 km²). 'S e 50 troigh (15.24 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 113 troigh (34.44 m) aig an àite as doimhne.[2] Tha bàrr uisge an locha mu 1320 troigh (400 meatair) os cionn na mara.

Thèid an loch a lìonadh le Allt Shallainn, Allt na Cosaig is Allt Coire Easan aig ceann a deas an locha.

Iomraidhean

deasaich
  1. Am Faclair Beag[dead link]
  2. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 57, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: