Co-chomharran: 57°12′26″N 6°10′10″W / 57.207222°N 6.169444°W / 57.207222; -6.169444

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Coir' Uisge (Beurla: Loch Coruisk). [1] Tha e suidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Canar gur e aon de na h-àitichean as iomallaiche a th' ann. Chan eil rathad sam bith a' dol ann.

Loch Coir' Uisge
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Coir' Uisge
Suidheachadh Loch Coir' Uisge air an Eilean Sgitheanach

Suidheachadh an locha

deasaich

Tha an loch mu 2.4 cilemeatairean a dh'fhad agus mu 400 meatair a leud. Mar sin tha cruth an locha a' sealltainn gun deach e a chruthachadh le eigh-shruth anns an linn-deighe. Tha cuid eileanan beaga ann. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Coir' Uisge tron Abhainn Scavaig gu Loch Scavaig. Tha an loch gu math tarraingeach don luchd-coiseachd. Tha dà cas-cheum ann, aon a bhios a' tòiseachadh ann an Sligeachan, tha e mu 8 cilemeatair a dh'fhad. Tha an t-slighe eile nas giorra, mu 7 cileameatair a dh'fhad agus tha i a' tòiseachadh ann an Ealaghol. Ach tha an t-slighe seo caran cunnartach, feumar dol seachad air a' cheum dhona, (Beurla: Bad step), bruthach cas cumhang air creig dìreach os cionn na mara.[2]

Loch Coir' Uisge ann an ealain

deasaich
 
Loch Coir' Uisge, dealbh a rinn Sidney Richard Percy ann an 1874.

Anns an 19mh linn, aig àm romansachd bha Loch Coir' Uisge tarraingeach do na sgrìobairean is bàird, nam measg Walter Scott, Sidney Richard Percy agus William Turner. An dèidh turais chun na locha ann an 1814 sgrìobh Sir Walter Scott:

Rarely human eye has known
A scene so stern as that dread lake,
With its dark ledge of barren stone...[3]

Bha Alfred Tennyson ann cuideachd, ach chan fhaca e an loch air sgàth 's a' cheòtha:

Loch Coruisk, said to be the wildest scene in the Highlands, I failed in seeing. After a fatiguing expedition over the roughest ground on a wet day we arrived at the banks of the loch, and made acquaintance with the extremest tiptoes of the hills, all else being thick wool-white fog.[4]

Iomraidhean

deasaich
  1. Stòr-dàta Briathrachais
  2. www.walkscotland.com: Coiseachd air a' cheum dona (Beurla)
  3. The Lord of the Isles (1815)
  4. A Natural History od the British Isles: J.M.W. Turner san Eilean Sgìtheanach (Beurla)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: