'S e lite am facal Gàidhlig airson biadh sìmplidh is bunaiteach, gu math furasta ri dhèanamh; ann an Alba tha sinn a' cleachdadh min-choirce, uisge is salann airson lite tradiseanta. Bidh feadhainn a' cleachdadh gràinean eile timcheall an t-saoghal. Mar eisimpleir, ann an Afraga tha min-bhuidhe air a chleachdadh gu math cumanta, am feadh an Roinn-Eòrpa an Ear tha iad a' cleachdadh cruithneachd-buidhe. Tha rìs gu math cumanta ann an Sìona is anns na h-Innsean cuideachd. Anns na làithean an-diugh tha mòran gràinean bracaist ann, ach gu math tric 's e biadh giullaichte a th' annta is chan eil dad cho fallain ri lite, gu h-àiridh lite tradaiseanta na h-Alba. A thaobh còcaireachd, thathar ag ràdh gum bu chòir sleaghag a bhith air a cleachdadh, 's ann às a phoit gheibhear an lite as fheàrr. Tha an salann riatanach airson lite a tha blasta. Tha e gu math cumanta a bhith ag ithe lite le bainne, no uachdar air uairibh. Tha cuid ag ràdh nach bu chòir a bhith bainne air an lite fhèin anns a' bhobhla, ach gum bu chòir bainne a bhith anns a' chupan ri thaobh, airson sgobag lite a thumadh, a rèir beul-aithris. Tha lite gu math feumail airson dhaoine a tha a' cunntadh nan calaraidhean. 'S e deagh bhiadh a th' ann cuideachd airson coileastarail a' cumail aig ìre ìosal. A bharrachd air sin, bheir e spèird dhan bhodhaig, ach ann an dòigh màirnealach.

Lite le bainne
William Hemsley (1893)

Ceanglaichean a-mach deasaich