Lech Wałęsa
'S e neach-poileataigs Pòlais a tha ann an Lech Wałęsa (fuaimneachadh Pòlais /ˈlɛx vaˈwɛ̃sa/; air a rugadh 29 an t-Sultain 1943) ann am Popowo. B' e aon den luchd-stèidheachaidh de Solidarność, a' chiad aonadh-ciùird neo-eisimeileach anns a' bhloc Shobhietach. Fhuair e Duais Nobel na Sìthe ann an 1983. Eadar 1990-95 bha e na cheann-suidhe den Phòlainn.